Fiosrachadh
Dealbhan le Mairead Jones. A' Ghàidhlig le Iain MacDhòmhnaill.
'S e ceithir fìor sheann sgeulachdan às a' Chuimrigh a th' anns a' Mhabinogi. Tha on seachd ceud bliadhna o chaidh an sgrìobhadh, is chan eil fhios dè an ùine a bhathar gan innse roimhe sin. Rudan mìorbhaileach is rudan a tha a' tachairt fhathast, gaisge is seòltachd, uaisleachd is cealgaireachd - tha iad am measg a chèile anns a' Mhabinogi. Ged a tha na sgeulachdan a' tighinn a saoghal a tha gu math annasach dhuinne, tha iad cho siùbhlach, beòthail `s gun còrd iad ri leughadair an latha-an-diugh cho math `s a chòrd iad ri na chual iad fad nan linntean mòra o chaidh an dealbh an toiseach.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.