Sale!

Tuathanas nan Creutairean

George Orwell

£7.00

Luath Press, 2021. 118 duilleag. Còmhdach bog.

’S e an nobhail mhairsinneach aig Seòras Orwell, Animal Farm, aon de na 100 nobhailean Beurla as fheàrr a rèir na h-iris Time. A-nise tha tionndadh eireachdail againn bho Aonghas Pàdraig Caimbeul: a’ chiad leabhar le Orwell a chaidh eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig.

Anns an sgeul, tha na creutairean a’ fàs seachd searbh dhen obair agus an dìol a tha am maighstir, Maighstir MacIain, a’ dèanamh orra. Tha iad a’ dèanamh aramach agus ga shadail a-mach, agus a’ ruith an àite dhaibh pèin mar co-chomann. Ach ann an ùine bheag tha na ceannardan – na mucan – a’ gabhail thairis agus a’ cleachdadh nan creutairean cumanta mar thràillean. Mar as motha a tha na creutairean dìleas ag obrachadh is ann as reamhra a tha na mucan mòra a’ fàs.

Sgeul mu dheidhinn cumhachd is ana-caitheamh air cumhachd a tha cheart cho buntainneach nar latha fhèin agus a bha e nuair a sgrìobh Orwell e an toiseach anns na 1940an. Is treasa tuath na tighearna, ach dè mas e (cuid dhen) tuath fhèin an tighearna?

ISBN: 9781913025663 Buinidh seo ri: ,

ISBN: 9781913025663

Foillsichear: Luath Press

Ceann-latha foillseachaidh: 17 Lùnastal 2021

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Luath Press, 2021. 118 duilleag. Còmhdach bog.

’S e an nobhail mhairsinneach aig Seòras Orwell, Animal Farm, aon de na 100 nobhailean Beurla as fheàrr a rèir na h-iris Time. A-nise tha tionndadh eireachdail againn bho Aonghas Pàdraig Caimbeul: a’ chiad leabhar le Orwell a chaidh eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig.

Anns an sgeul, tha na creutairean a’ fàs seachd searbh dhen obair agus an dìol a tha am maighstir, Maighstir MacIain, a’ dèanamh orra. Tha iad a’ dèanamh aramach agus ga shadail a-mach, agus a’ ruith an àite dhaibh pèin mar co-chomann. Ach ann an ùine bheag tha na ceannardan – na mucan – a’ gabhail thairis agus a’ cleachdadh nan creutairean cumanta mar thràillean. Mar as motha a tha na creutairean dìleas ag obrachadh is ann as reamhra a tha na mucan mòra a’ fàs.

Sgeul mu dheidhinn cumhachd is ana-caitheamh air cumhachd a tha cheart cho buntainneach nar latha fhèin agus a bha e nuair a sgrìobh Orwell e an toiseach anns na 1940an. Is treasa tuath na tighearna, ach dè mas e (cuid dhen) tuath fhèin an tighearna?

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Tuathanas nan Creutairean”

Your email address will not be published. Required fields are marked *