Taghadh de Sgeulachdan Inspeactair Rebus

Ian Rankin

£9.95

Grace Note Publications, 2014. 214 duilleag. Còmhdach bog.

Thàinig an taghadh seo de sgeulachdan eucoir Ian Rankin às na cruinnichidhean aige A GOOD HANGING (1992) agus BEGGARS BANQUET (2002). Clàradh, Mallachd Dean, A’ faicinn Rudan, Auld Lang Syne agus Club nam Fear-uasal – agus Freagairt Ceàrr, Balla-ciùil, Uinneag a’ Chothruim, Bitheamaid Geanach agus Thadhail Cuideigin air Eddie. Ann an naoi de na sgeulachdan tha rannsachadh le Inspeactair John Rebus. An aon sgeulachd anns nach eil Rebus ’s e ‘Thadhail Cuideigin air Eddie’. A rèir Ian Rankin, tha an sgeulachd sin mu mhodh-obrach nam poileas: “Tha murtair innte, chaidh cuideigin a mhurt agus tha car san deireadh.”

Tha Tormod MacGill-Eain ainmeil fad is farsaing mar-thà na sgrìobhadair ealanta ann am Beurla is ann an Gàidhlig. ’S e fianais ùr nodha air a bhuadhan a tha san eadar-theangachadh seo air obair sgrìobhadair barraichte eile. A thuilleadh air sin fhuair e coingheall o Ruaraidh Mac an t-Saoir, duine òg a tha an geall air an aon cheann-uidhe ris fhèin a ruigheachd. Tha a’ Ghàidhlig aca dìleas do bhrìgh na Beurla bheothail aig Ian Rankin: fad na h-ùine a’ seachnadh cruth doilleir. Tha Tormod MacGill-Eain gu mòr ri mholadh; dà chànan a tha cho eadar-dhealaichte is a tha a’ Beurla is a’ Ghàidhlig agus an tionndadh cho soirbheachail. Tha sinn uile fada na chomain (Iain MacAonghais)

ISBN: 9781907676529

Foillsichear: Grace Note Publications

Ceann-latha foillseachaidh: 17 Dùbhlachd 2014

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig ()

Be the first to review “Taghadh de Sgeulachdan Inspeactair Rebus”

Your email address will not be published. Required fields are marked *