Fiosrachadh
Clàr, 2009. 119 duilleag.
Tha taibhse air trèana eadar Obar Dheadhain ‘s Caol Loch Aillse. Ach cò e? An e manadh da-rìreabh a th’ ann, neo dìreach mac-talla air làithean mus robh i-pods is laptops gar glasadh ann an saoghal leinn fhèin, a’ dùnadh ar cluasan agus a’ dalladh ar sùilean don eachdraidh is dhan bhòidhchead mun cuairt?
Tha gach stèisean air an t-slighe a’ dùsgadh cuimhne agus tuigse: turas iongantach tarsainn Alba thar thìm is eachdraidh, tro bhruadar is mhac-meanmna. Cuairt-trèana a tha ag obair aig diofar ìrean, agus a dh’fhaodas tu a leughadh mar imeachd eadar traigeadaidh is coimeadaidh.
Leabhar a tha sìmplidh ri leughadh, ach domhainn mar na tobraichean as fheàrr. Obair ealain mu ciamar a chruthaicheas sinn obair ealain. Leabhar beag nan ceistean mòra. Ciste nan cuimhneachan agus ro-shealladh air na làithean ri thighinn. Èibhinn, geur, blàth-chridheach agus aoireil: ‘s e rosg ealanta, soilleir a tha seo, a tha soirbh air an t-sùil. Seo an ceathramh nobhail aig Aonghas Pàdraig Caimbeul, agus am fear as smaoineachail, innleachdach fhathast.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.