Fiosrachadh
Clàr, 2010. 153 duilleag.
An Adabroc ann an Nis, bha seann nighean air an robh Gormshuil an Rìgh. Bha i dall agus i a’ còmhnaidh ann am bothag ann an doca-mhorghain an oir an rathaid. Bha iad air an lot a chall ann am fiachan, ‘s air a dithis bhràithrean a chall anns a’ Chiad Chogadh, agus ‘s iad balaich a’ bhaile a bh’air a’ bhothag a thogail dhi. Thughadh iad i ‘s bha i aca na taigh-cèilidh gus na thog iad a’ chiad bhothan dhaib’ fhèin a-muigh am baile. Gus mòine a thoirt a-steach bhiodh Gormshuil a’ ceangal siaman-Theàrlaich eadar sneic doras na bothaig agus cromag a bata, a bh’aice na sheasamh am beul na cruaiche-mònach, ‘s i a’ tighinn le fàd no dhà fo a h-achlais ‘s a làmh anns an t-siaman.
Ged a bha balaich a’ bhaile math dhi, bhiodh iad a’ tarraing aiste, ‘s rinn iad amhran air mar bha i a’ dol a phòsadh, rud nach tachradh gu bràth. Bha facail ùr aca gan dèanamh mun bhoghaig: ‘s e an ‘samhradh’ a bh’aca air a leabaidh agus a’ ‘bheochrum’ air a’ chùil anns an robh i. ‘S bhiodh i fhèin ag radh mu na balaich: ‘Chroch iad an cat dubh air an t-srabhlaidh gus an saoilinn gur e samhla duine bh’ann.’
Cha do dhìochuimhnich Fionnlagh MacLeòid a-riamh i. ‘S ann an doca-mhorghain Gormshuil an Rìgh a tharmaich an sgeulachd seo, ‘s à sin à baile àraich chaidh i air iteig.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.