Slaightearan

Tormod MacGill-Eain

£8.99

Tha Murchadh ann an staing a‑rithist – mar bu mhinig a bha.

ISBN: 9781900901307 Seòrsa:

ISBN: 9781900901307

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 13 Màrt 2008

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Clàr, 2008. 125 duilleag. Còmhdach bog.

Tha Murchadh ann an staing a‑rithist – mar bu mhinig a bha. Tha cunnart ann gun caill e na rudan as luachmhoire a th’ aige – a leannan ard eireachdail, Raonaid, is caitheamh‑beatha a tha a’ tighinn ris gu mòr. Cha toir ise dha ach an aon chothrom, is feumaidh e bhith sgiobalta.

Ach tha Murchadh na chleasaiche, is ’s dòcha gu bheil cleas ann a bheir fuasgladh dha. Is co aige a tha fios an uair sin co a bhios na shuidhe sa Chowgate an Dun Eideann, gun dachaigh, a’feitheamh ri Seirbheisean Shoisealta?

Sgeulachd aotrom eile o Thormod (a tha cuideachd air CumhnantanKeino agus Dacha Mo Ghaoil a sgrìobhadh), a' chuid mhòr dhith a' tachairt san Eilean Sgitheanach, ged a tha Badhlach, Tuathach is Leòdhasach aig cridhe gnothaich. Agus chan eil math dearmad a dhèanamh air Iain (a chunnaic bhana a' tulgadh air cidhe Ùige) no Mòrag Hearach no Suki. Chan eil ise às an àite a shùilicheadh tu, ach anns an leabhar seo 's e glè bheag a tha mar a shùilicheadh tu, ach gu bheil e èibhinn is eirmseach!

"An nobhail as fhearr a rinn Tormod MacGill-Eain?"
- Raghnall MacilleDhuibh, The Scotsman 2008

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig ()

Be the first to review “Slaightearan”

Your email address will not be published.