Fiosrachadh
Nobhail chumhachdail eile bho Aonghas Pàdraig Caimbeul. Chì sinn teaghlach anns an Eilean Sgitheanach agus duine sònraichte aig a bheil buaidh mhòr air am beatha, ach 's ann san àm ri teachd a tha seo, agus tha lathaichean doirbhe, dorcha air tighinn air a' chinne-daonna. Casg air Gàidhlig. Saoghal doirbh, ach a dh'aindeoin sin, mairidh miann air saorsa, agus faodaidh rudan mìorbhaileach tachairt.
Tha an sgeulachd a' sgaoileadh fad' is farsaing tro thìm agus air feadh an t-saoghail mhòir. Tha i a' toirt dòchas dhuinn uile. Fìor nobhail chumhachdach.
Tha an leabhar seo cuideachd ri fhaighinn mar leabhar-èisteachd.
Cha tug an Caimbeulach fada a’ freagairt na ceist: "De an rathad a ghabhas e as deidh An Oidhche mus do Sheol Sinn? Ghabh e an rathad coimheach eagalach (ach uairean eibhinn) a ghabh Iain coir Mac a’ Ghobhainn cho tric ’na sgeulachdan goirid. Se an diofar eadar an dithist gum faic an Caimbeulach daonnan bogha-froise an dochais. Ghabh e an rathad ceart; leugh an leabhar seo ’s bidh do dhuais agad.
Raghnall MacIlleDhuibh
Tha nobhail ùr Aonghais Phàdraig mar gun do thachair Gabriel Garcia Marquez ri Seòras Orwell agus gum faca iad latha, dh'fhaodadh, nach eil cho fad' às dhan Ghàidhlig, dhan Ghàidhealtachd 's dhan t-saoghal gu lèir.
Màiri Anna NicUalraig
Ulaidh ann an litreachas agus eachdraidh na Gàidhlig
Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.