Fiosrachadh
Thug athair Thormoid an rathad mòr air aon latha agus cha chuala an teaghlach guth bhuaithe tuilleadh. Ach carson? Dè thachair dha? Feumaidh Tormod seann dìomhaireachd fhuasgladh agus aig an aon àm a bhean, Maryam, a shàbhaladh o chogadh is geur-leanmhainn anns an nobhail ioma-fhillte seo.
Chì sinn fear às na h-Eileanan Siar a' dèanamh air na Stàitean agus tè à Iran a' togail beatha ùr dhi fhèin ann an Alba. Eadar na dhà, tha Tormod a' strì ri gàbhadh thall thairis is ana-ceartas aig an taigh, agus an-còmhnaidh tha ceistean ga bhuaireadh mu an àite a th' aig dachaigh is dualchas na bheatha.
Anns an treas nobhail aige, tha Iain F. MacLeòid gar toirt air turas dàna thar a' Chuan Siar agus Tìr-mòr na Roinn Eòrpa leis an aon liut airson deagh sgeulachd innse `s a chunnacas anns Na Klondykers agus Am Bounty.
"Tha Iain F. MacLeòid airidh air a h-uile moladh."
Raghnall MacIlleDhuibh
Leugh lèirmheasan air GoodReads.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.