Fiosrachadh
CLÀR, 2006. DVD.
Bha an leabhar seo air geàrr-liosta SALTIRE MAIN LITERARY PRIZE 2005
Fear is tè, DJ agus Caroline, a’ coinneachadh ri linn a bhith toirt an cuid chloinne gu Gymnippers an Dùn Èideann. Fhad `s a bhios a’ chlann ag eacarsaich, fàsaidh iadsan eòlach air a chèile. Is fàsaidh sinne eòlach orrasan – is air iomadach neach eile a tha a’ suathadh nam beatha.
Tha a’ bheatha sin ga nochdadh dhuinn fad mu ochd mìosan air bliadhna shònraichte. Is fhad `s a tha sinn a’ leantainn caran is tionndaidhean an sgeòil, cuirear fa ar comhair na bha dha-rìribh a’ dol san t-saoghal a-muigh, o thachartais eadar-nàiseanta gu feadhainn bheag nach fiosraicheadh mòran. Tha an colmadh gar toirt gu domhainn a-staigh a shaoghal làitheil pearsachan an leabhair
`S e saoghal làn cainnt a tha sin. Bha e soilleir o Ath-Aithne gu robh alt iongantach aig an ùghdar seo air còmhradh. Agus abair gu bheil sin an seo, eadar sgaoilteach mhòr dhaoine, an Alba is thall thairis.
Còmhraidhean mu cheistean an latha, mu eachdraidh, mu dhualchas, mu theaghlaichean. Is gu h-àraidh còmhraidhean mun deidhinn fhèin aig an dithis a choinnich aig Gymnippers. Saoil dè tha romhpa?
“Sgeul ioma-dhathach, tarraingeach a tha seo…”
Michel Byrne, Oilthigh Ghlaschu
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.