Fiosrachadh
'S iomadh ìomhaigh à beatha a h-òige a sheòlas a-mach 's a-steach tro chuimhne Criosaidh 's i a-nist na seann aois san taigh-eiridinn. Cuimhneachain thoilichte, cuimhneachain mhuladach. Daoine. Òrain. Dibhearsain. Seann sgeulachdan mhiorbhaileach.
'S an fheadhainn òga tha mun cuairt oirre a-nist - Criosaidh eile air a bheil cùraim nan euslainteach; an craoladair òg tha clàradh a seanchais, an dotair - 's neònach mur bi buaidh air choreigin aig fios mun bheatha seo orrasan.
Seo an còigeamh nobhail aig Aonghas Pàdraig Caimbeul.
Leugh lèirmheasan air an leabhar seo bho Ghaiseat Steòrnabhagh (Beurla), Cothrom (dà-chànanach) agus le Comann Litreachais Ghlaschu (Gàidhlig)
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.