Fiosrachadh
CLÀR, 2006. 157 duilleag. Còmhdach bog.
Tha an nobhail seo stèidhichte san là an-diugh agus tha i a’ togail air beatha thriùir dhaoine. ’S aithne do Bhellann, Ailig Iain agus Muriel a chèile, agus tha ruith na sgeòil a’ toirt orra roghainnean a dhèanamh a rèir bheachdan a thàinig bhon òige no a rèir nan dòighean gu bheil iad fhèin a’ sreap mar inbhich. Tha an suidheachadh sin a’ toirt dhuilgheadasan is briseadh-dùil nam beatha, agus tha aig gach duine aca fa leth ri gleac gus modhan is caitheamh-beatha a thogail dhaib’ fhèin ma tha iad idir a’ dol a lorg freagairt a bhios brìoghmhor dhaibh.
Tha an nobhail air a h-innse ann an dòigh aotram, thlachdmhor a ghlacas aire an leughadair. Tha beatha nan daoine seo a’ greimeachadh riut air dhòigh ’s nach eil e furasta an leabhar a chur sìos aon uair ’s gun tòisich thu air. Bho chuireas tu idir eòlas air an triùir a tha seo, bidh boil ort gus am faigh thu a-mach dè fo shealbh mar a thèid dhaibh.
Seo a’ chiad fhear de thrì mu bheatha an teaghlaich seo – tha Taingeil Toilichte agus Suthainn Sìor ann cuideachd.
Leugh lèirmheas air an leabhar seo le Comann Litreachais Ghlaschu
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.