Fiosrachadh
CLÀR, 2008. 174 duilleag. Còmhdach bog.
Iseabail is Catrìona: peathraichean. Chan e a-mhàin peathraichean ach càraid, is gun ach am màthair ’s an athair a dh’aithnicheas iad o chèile. Ach tha caitheamh-beatha glè eadar-dhealaichte aca. Tha Catrìona air a ceann fhèin an Uibhist, math air fighe, math air còcaireachd, an sàs ann an gnothaichean coimhearsnachd. ’S toigh leatha fois is sàmhchair an eilein. Is Iseabail? Uill, tha ise ag obair ann am baile mor Lunnainn, far a bheil a beatha a’ còrdadh glan rithe fhèin.
Ach saoil dè a thachradh nan dèanadh iad iomlaid? Is nan dèanadh, am biodh sin cho doirbh? Chan aithnicheadh duine. An aithnicheadh?
Seo a’ chiad leabhar a rinn Màiri Anna NicDhòmhnaill do dh’inbhich, is tha e dìreach sgoinneil – ealanta, èibhinn, eirmseach. Bheir na suidhichidhean gàire oirnn, agus dìreach nuair a tha sinn an dùil gu bheil gnothaichean air sìoladh sìos beagan, thig car eile san eachdraidh, is bidh tuilleadh ùpraid ann! Tha taobh aoireil, sgaiteach air an innse cuideachd, is cò aige tha fios nach aithnich sinn fhìn daoine coltach ri feadhainn a tha san sgeul!.
“Ma chi thu Cleas Sgathan sna buthan, ceannaich i, cordaidh i riut.”
Raghnall MacilleDhuibh, The Scotsman 2008
Leugh lèirmheas air GoodReads
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.