An Latha as Fhaide

Màrtainn Mac an t-Saoir

£8.99

CLÀR, 2008. 316 duilleag. Còmhdach bog.

’S ann às Na Hearadh a tha Niall MacLeòid ach tha e air a bhith a’ fuireach ann an ceann a deas Shasainn fad iomadh bliadhna. Tha obair mhath aige ann an Seirbheis a’ Chrùin, taigh mòr agus dòigh-beatha chomhartail. Dh’fhaodadh e bhith riaraichte le staid, a rèir choltais.

Goirid ron a seo, ge-tà, gheibh Niall droch naidheachd mu shlàinte agus, ged nach tig seo gu càil, tha e a’ togail cheistean na inntinn mun dòigh-beatha a tha aige agus na rudan a leig e seachad air a son. Teagamhan fiù ’s. A bheil e dha rìribh riaraichte le chor?

Tha Niall a’ cur roimhe tadhal, san aon latha, air na h-àiteachean a bha cudromach dha na bheatha gu seo – Na Bàigh, Steòrnabhagh, Glaschu, Dùn Èideann agus air ais dhachaigh a Shuraidh. ’S e seo ‘an latha as fhaide’. Dè tha e a’ sireadh agus dè a’ chrìoch a tha gu bhith air a latha?

Tha an t-ùghdar ag innse na sgeulachd tro bhriathran Nèill fhèin. Tha e gu sgileil a’ cur far comhair gach ceum de thuras. Turas anns a bheil iomadh caractar agus tionndadh. Tha gaol agus gamhlas, àbhachdas agus aithreachas anns 'An Latha as Fhaide'. Bheir e ort smaoineachadh.

ISBN: 1252 Seòrsa:

ISBN: 9781900901390

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 01 Dàmhair 2008

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

CLÀR, 2008. 316 duilleag. Còmhdach bog.

’S ann às Na Hearadh a tha Niall MacLeòid ach tha e air a bhith a’ fuireach ann an ceann a deas Shasainn fad iomadh bliadhna. Tha obair mhath aige ann an Seirbheis a’ Chrùin, taigh mòr agus dòigh-beatha chomhartail. Dh’fhaodadh e bhith riaraichte le staid, a rèir choltais.

Goirid ron a seo, ge-tà, gheibh Niall droch naidheachd mu shlàinte agus, ged nach tig seo gu càil, tha e a’ togail cheistean na inntinn mun dòigh-beatha a tha aige agus na rudan a leig e seachad air a son. Teagamhan fiù ’s. A bheil e dha rìribh riaraichte le chor?

Tha Niall a’ cur roimhe tadhal, san aon latha, air na h-àiteachean a bha cudromach dha na bheatha gu seo – Na Bàigh, Steòrnabhagh, Glaschu, Dùn Èideann agus air ais dhachaigh a Shuraidh. ’S e seo ‘an latha as fhaide’. Dè tha e a’ sireadh agus dè a’ chrìoch a tha gu bhith air a latha?

Tha an t-ùghdar ag innse na sgeulachd tro bhriathran Nèill fhèin. Tha e gu sgileil a’ cur far comhair gach ceum de thuras. Turas anns a bheil iomadh caractar agus tionndadh. Tha gaol agus gamhlas, àbhachdas agus aithreachas anns ‘An Latha as Fhaide’. Bheir e ort smaoineachadh.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “An Latha as Fhaide”

Your email address will not be published. Required fields are marked *