Fiosrachadh
Clàr, 2011. 184 duilleag. Còmhdach bog.
Aon oidhche dhorch, bliadhnachan bhuaithe, thàinig duine an rathad seo agus stad e aig an taigh-òsta agus dh’iarr agus fhuair e rùm, bha rùm gu leòr ann. Mas math mo chuimhne, ‘s tha mo chuimhne math, cha robh air aoigheachd ann ach Mr Craig, Mgr. Farquharson agus Bart – ‘s e sin ri ràdh Bartolomeus no, cho deiseil air bàrr na teanga: ‘Bartolomeus mac Alpheuis’. Bha iad ann an siud nan triùir, aig Dia tha fios, aost. Agus aona bhoireannach, Rose – dud eile? le fàinneachan, fags agus falt dearg. Biodh sin mar a bhitheas, a’ ghaoth air teiche a-mach gu an iaras, na sgòthan fo sgaoil nan deann a’ dol seachad, cha chrùbadh tu ro fhada ri bruaichean dubha na h-aibhne.
Am b’ ann bhon taobh sin a bha a thriall, an duine?
Air an toirt còmhla, tha na trì nobhailean aig Tormod a’ Bhocsair airidh air a’ mholadh as àirde. Cha chreid mi gu bheil saoghal na Gàidhlig mothachail gu bheil tàlant ‘nar measg a tha cho làidir ri tàlant MhicGill-Eain neo MhicThòmais, ach ann am modh-sgrìobhaidh eile.
Raghnall MacIlleDhuibh (Leugh an lèirmheas air fad bho The Scotsman)
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.