Am Miseanaraidh

Iain Mac a' Ghobhainn

£6.00

Clàr, 2006. 68 duilleag. Còmhdach bog.

Tha ministear a' dol a thìr chèin, a mheasg muinntir cho ao-coltach ris fhèin 's a ghabhas a bhith. 'S dòcha gun cuir an suidheachadh nar cuimhne mar a thuirt am boireannach ann an sgeulachd eile le Mac a' Ghobhainn, A' Bhan-Soisgeulaiche, mun fheadhainn a bha timcheall oirre: "Cha bhuin iad dhomh."
Ach chan e suidheachadh sìmplidh a th' ann idir, is cuirear fìor iongnadh oirnn turas no dhà mun tig an eachdraich gu ceann.

Chaidh an sgeulachd seo a sgrìobhadh anns a' Bheurla cuideachd, ach tha i nas siùbhlaiche sa Ghàidhlig, is i ga h-aithris gu dian, gun abhsadh, gun lasachadh, ann an dòigh a tha nas àbhaistiche ann am bàrdachd. Chaidh a fàgail againn le fear de phrìomh ùghdaran na Gàidhlig, is e aig àirde a chomais.

Co-dhiù a bha Mac a' Ghobhainn ri bàrdachd no ri rosg, bha an duilgheadas a th' aig daoine ann a bhith tuigsinn a chèile, ann a bhith a' dèanamh cheanglaichean ri chèile, air fear dhe na prìomh chuspairean aige. Agus tha samhla glè dhealbhach air an astar a dh'fhaodas a bhith eadar daoine san sgeulachd seo.

Aon dhe na sgeulachdan as fheàrr a sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn
An t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh

ISBN: 9781900901208 Seòrsa:

ISBN: 9781900901208

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 07 Gearran 2006

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Clàr, 2006. 68 duilleag. Còmhdach bog.

Tha ministear a’ dol a thìr chèin, a mheasg muinntir cho ao-coltach ris fhèin ‘s a ghabhas a bhith. ‘S dòcha gun cuir an suidheachadh nar cuimhne mar a thuirt am boireannach ann an sgeulachd eile le Mac a’ Ghobhainn, A’ Bhan-Soisgeulaiche, mun fheadhainn a bha timcheall oirre: “Cha bhuin iad dhomh.”
Ach chan e suidheachadh sìmplidh a th’ ann idir, is cuirear fìor iongnadh oirnn turas no dhà mun tig an eachdraich gu ceann.

Chaidh an sgeulachd seo a sgrìobhadh anns a’ Bheurla cuideachd, ach tha i nas siùbhlaiche sa Ghàidhlig, is i ga h-aithris gu dian, gun abhsadh, gun lasachadh, ann an dòigh a tha nas àbhaistiche ann am bàrdachd. Chaidh a fàgail againn le fear de phrìomh ùghdaran na Gàidhlig, is e aig àirde a chomais.

Co-dhiù a bha Mac a’ Ghobhainn ri bàrdachd no ri rosg, bha an duilgheadas a th’ aig daoine ann a bhith tuigsinn a chèile, ann a bhith a’ dèanamh cheanglaichean ri chèile, air fear dhe na prìomh chuspairean aige. Agus tha samhla glè dhealbhach air an astar a dh’fhaodas a bhith eadar daoine san sgeulachd seo.

Aon dhe na sgeulachdan as fheàrr a sgrìobh Iain Mac a’ Ghobhainn
An t-Oll. Dòmhnall MacAmhlaigh

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig ()

Be the first to review “Am Miseanaraidh”

Your email address will not be published.