Fiosrachadh
Acair, 2006. 76 duilleag. Còmhdach bog.
Seo leabhar mu bhalach beag a bhios a’ siubhal an t-saoghail ceangailte ri iteileig a fhuair e airson a cho-là-breith. ‘S e sgeulachd shiùbhlach, le dealbhan àlainn a tha seo agus còrdaidh i ri cloinn agus ri inbhich.
‘S e balach àbhaisteach a th’ ann an Seumas, ach tha caraid annasach aige: ‘s e sin Itean an iteileag. Tha iad ag itealaich gu h-àrd os cionn thìrean annasach agus tha iad a’ dol tro iomadh gàbhadh còmhla, mar a mhiannaicheadh clann an t-saoghail nan inntinn a bhith a’ dèanamh. Tha iad a’ ruighinn àiteachan neo-àbhaisteach agus a’ coinneachadh dhaoine inntinneach bho dhualchasan eadar-dhealaichte.
Tha na sgeulachdan furasta a leughadh agus ann an cruth a chòrdas ri cloinn aigeannach air a bheil fhathast miannan agus fiamh na h-òige.
Tha cuairtean Sheumais timcheall gach puing sa chombaist, T, D, E & I ‘s iad air an innse ann an stòiridhean-dhealbh fa leth.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.