Fiosrachadh
Wee Mackay Publishing, 2016. 24 duilleag. Còmhdach Bog.
Sgeulachd èibhinn eile mu dheidhinn Montaidh an cù dailmèisean agus a charaidean a tha a’ fuireach air Tuathanas na Craoibh-shiris. Bheir an sgeulachd spòrsail seo, làn dhealbhan brèagha, gàire air clann òga.
Tha Montaidh agus a charaidean bho Thuathanas na Craoibh-shiris a’ dol gu cuirm-chnuic air latha brèagha samhraidh. Tha Montaidh ag iarraidh biadh caran annasach – ach tha e daonnan ceart!
Tha na caraidean a’ coinneachadh ri iseanan tunnaig a tha air chall, agus tha Montaidh ag iarraidh an cuideachadh. Chan eil na beathaichean eile cho deònach ris-san ge-tà, agus chan eil Montaidh deònach an cuilean ùr aig an tuathanach a thoirt leis.
An lorg na h-iseanan tunnaig am màthair? Agus am bi am biadh aig Montaidh ceart gu leòr?
Tha faidhle-fuaim ‘Montaidh agus Mìlsean’ a-nis ri fhaighinn cuideachd tro làrach-lìn Gaelic4Parents!
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.