Fiosrachadh
Clò Phabaigh. 64 duilleag. Còmhdach bog.
Sgeulachdan o bheul-aithris. Taghadh goirid de sgeulachdan – còmhla ann an leabhar grinn ùr – airson blasad beag de’n t-seòrsa beul-aithris a th’ aig luchd na Gàidhlig a thoirt do chloinn aig nach eil cothrom a leithid a chluinntinn ro thric. Leabhar a ghabhas cleachdadh an dà chuid aig an taigh agus ann an sgoiltean. Cò aig a tha fios nach bi e feumail do luchd-ionnsachaidh cuideachd?
Mar a thuirt an neach-craolaidh Angela NicEachainn, Dùn Èideann, san ro-ràdh ùr don leabhar:
“Leabhar do shean is òg… is sgeulachdan a sheasas ri ùine is bho ghlùin gu glùin, tro gach ginealach.”
Chaidh an leabhar seo fhoillseachadh an toiseach mar Bha Siod ann Reimhid, bho chionn 50 bliadhna. Anns an riochd ùr seo le Clò Phabaigh, tha ùrachadh don 21mh Linn air an teacsa.
Dealbhannan le Jewel B. Smith, Bragar, Leòdhas.







Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.