Tro Chloich Na Sùla

Caimbeul, Maoilios

£9.99

Tha sean agus ùr a’ measgachadh còmhla ri chèile sa chruinneachadh bàrdachd Gàidhlig seo bho Mhaoilios Caimbeul.

ISBN: 2111 Seòrsa:

ISBN: 9781900901772

Foillsichear: CLÀR

Ceann-latha foillseachaidh: 25 Dàmhair 2014

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

CLÀR, 2014.  104 duilleag. Còmhdach bog.

Tha sean agus ùr a’ measgachadh còmhla ri chèile sa chruinneachadh bàrdachd Gàidhlig seo bho Mhaoilios Caimbeul. Tha an t-sreath dhàn aig toiseach an leabhair stèidhichte gu ìre bhig air an t-seann mheadrachd phroifeiseanta dàn dìreach. Anns an fhichead dàn sin tha am bàrd a’ rannsachadh na buaidh a bh’ aig creideamh air luchd-ealain ainmeil Eòrpach – mar da Vinci, Gauguin, Blake agus Chagall – tro na linntean, le bhith meòrachadh air dealbhan sònraichte leis an luchd-ealain sin.

Ann am fichead dàn eile, tha am bàrd a’ dèiligeadh ri iomadh cuspair, leithid coimhearsnachd, poilitigs agus nàdar, ann an stoidhle nuadh-bhàrdail. Tha cuideachd dàin nas pearsanta ann. Tha notaichean air a’ bhàrdachd agus na peantairean aig deireadh an leabhair.

’S e cruinneachadh eadar-nàiseanta a tha seo, a’ gluasad gu siùbhlach eadar a’ Ghàidhealtachd agus an saoghal mòr.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Tro Chloich Na Sùla”

Your email address will not be published.