Fiosrachadh
Luath Press, 2018. 144 duilleag. Còmhdach bog.
Cruinneachadh de 59 dhàin ùra bho Aonghas Pàdraig Caimbeul. Tha cuid a’ meòrachadh air òige ann an Uibhist agus cuid eile air cor an t-saoghail is faileas na h-aoise. Tha iad a’ gluasad, mar tha tiotal an leabhair a’ comharrachadh, eadar àite is tìm.
Rugadh am bàrd aig crois-rathaid An Leth Mheadhanaich, a tha fhathast na stèisean-meadhain. Bàrdachd a tha ag aithneachadh beatha is fuaimean eadar Luxembourg is Lyons.
“Tha am bàrd seo a’ creidsinn ann an gibht na beatha is feumaidh e mar aon ‘urram a thort dha gach nì tha beò’. Tha cuid de na dàin fhìnealta seo làn spòrs is draoidheachd, cuid eile nas fhaisge air lèireadh is bròn, is iad air mheidh eadar cianalas is dòchas – aig amannan an aghaidh dòchais – airson an àm ri teachd.”
– Meg Bateman
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.