Fiosrachadh
Grace Note Publications, 2013. 135 duilleag.
‘S e bàrdachd dhàna a th’anns a’ bhàrdachd aig Marcas Mac an Tuairneir. A’ chiad rud a bhuaileas a-staigh air a’ leughadair, ‘s e na cuspairean dùbhlanachd air a bheil e a-mach sa bhàrdachd aige: gaol eadar dithist a tha san aon ghnè ann an cànan agus cultar aig nach eil, gu h-ìre mhòr, na faclan no na ceumannan gus na bun-bheachdan a tha seo a thoirt am follais. Ged a tha seo ‘na dhùbhlan gu ìre, gun fhios dha, shaoileadh an leughadair gur ann a-mach air gaol is càirdeas sam bith a tha an leabhar bàrdachd seo.
Aig deireadh a’ ghnothaich, tha na dàin san leabhar a-mach air cuspairean coitcheann: call, teaghlach, caraidean, ceanglaichean, rudan ionannachd, àite agus tuilleadh. ‘S ann tro ealain a bhàrdachd a tha Marcas a’ toirt oirnn na cuspairean seo fhaireachadh gu domhainn. Ann an gnìomhan làitheil, àbhaisteach, mar a gheibhear san dàn aige ‘El Camino’ tha e a’ toirt oirnn a bhith a’ smaoineachadh air cho domhann ‘s a tha na nithean seirbheiseil a bhios sinn a’ dèanamh nar beatha a h-uile latha.
Lodaidh MacFhionghain,
Bàrd a’ Mhòid Rìoghail Nàiseanta
(2012-14)
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.