Fiosrachadh
CLÀR, 2019. 125 duilleag.
‘S ann à Vermont ann an Ameireaga a tha Deborah Moffatt agus tha saoghal nàdarra tìr a h-àraich – àite iomallach le coilltean dlùth mun cuairt agus corra thuathanas beag, bochd air an rathad dhan bhaile – gu mòr air a h-inntinn nuair a bhios i a’ sgrìobhadh.
Bidh i cuideachd a’ sgrìobhadh mun t-saoghal mhòr agus tha dàin sa chruinneachadh seo a tha stèidhichte ann an Ameireaga a Deas, san Ear Mheadhain agus ann an Ranntairean ceann an iar-thuath Chanada, a bharrachd air Alba agus Èirinn. Tha caochladh thèaman a’ nochdadh a bharrachd air nàdar le creideamh, eachdraidh is miotas nam measg.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.