Bhon Phlateau dhan a’ Chladach

Calum L. MacLeòid

£9.99

Bradan Press, 2019. 62 duilleag. Còmhdach bog.

Anns a' chiad chruinneachadh bàrdachd Ghàidhlig bho Chalum L. MacLeòid, ùghdar an nobhail A' Togail an t-Srùbain, tha na dàin gar toirt bho Phlateau Mont-Royal ann am Montréal, Canada, gu cladach a' Chluaidh ann an Glaschu. Am measg nan cuspairean tha cultar bailteil agus cruth-tìre ann an Canada is Alba, measaidhean air dàimhean soirbheachail agus fàilligeach, beatha fhalaichte nan nithean làitheil, agus beatha mar eilthireach is mar Ghàidheal air eadar-mheadhanachadh tron eadar-lìon.

 

Tha Calum gar toirt gu siùbhlach agus gu h-eireachdail bho Alba gu sràidean Mhontreal agus Thoronto le iomadh car is cuairt, agus iomadach cuspair air a thogail, air an t-slighe. Tha a' chainnt eirmseach agus beachdail, gràdhach agus poilitigeach, cuid dhe na dàin stèidhte san traidisean bhàrdail Ghàidhealach agus cuid eile cho ùr-nòsach a thaobh cainnt agus stoidhle ri dàn ann an cànan sam bith. Tha ceòl na cainnt a' sruthadh bhon bhàrdachd aig Calum.
Gillebrìde MacIlleMhaoil

Tha mac-meanmna MhicLeòid a' siubhal thairis air machraichean 's eachdraidh na h-Alba, àrd-shràidean 's oiseanan an t-saoghail mhòir (gu h-àraidh Canada), agus ìomhaighean 's cleasan an eadar-lìn gus còd no ceòl no stiùireadh a lorg a nì ciall dhen t-saoghal timcheall oirnn. Bàrdachd shùbailte, gheur agus spòrsail a tha seo, guth a tha ùr, siùbhlach agus cudromach.
Pàdraig MacAoidh

ISBN: 2675 Seòrsa:

ISBN: 9781988747279

Foillsichear: Bradan Press

Ceann-latha foillseachaidh: 09 Cèitean 2019

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Bradan Press, 2019. 62 duilleag. Còmhdach bog.

Anns a’ chiad chruinneachadh bàrdachd Ghàidhlig bho Chalum L. MacLeòid, ùghdar an nobhail A’ Togail an t-Srùbain, tha na dàin gar toirt bho Phlateau Mont-Royal ann am Montréal, Canada, gu cladach a’ Chluaidh ann an Glaschu. Am measg nan cuspairean tha cultar bailteil agus cruth-tìre ann an Canada is Alba, measaidhean air dàimhean soirbheachail agus fàilligeach, beatha fhalaichte nan nithean làitheil, agus beatha mar eilthireach is mar Ghàidheal air eadar-mheadhanachadh tron eadar-lìon.

 

Tha Calum gar toirt gu siùbhlach agus gu h-eireachdail bho Alba gu sràidean Mhontreal agus Thoronto le iomadh car is cuairt, agus iomadach cuspair air a thogail, air an t-slighe. Tha a’ chainnt eirmseach agus beachdail, gràdhach agus poilitigeach, cuid dhe na dàin stèidhte san traidisean bhàrdail Ghàidhealach agus cuid eile cho ùr-nòsach a thaobh cainnt agus stoidhle ri dàn ann an cànan sam bith. Tha ceòl na cainnt a’ sruthadh bhon bhàrdachd aig Calum.
Gillebrìde MacIlleMhaoil

Tha mac-meanmna MhicLeòid a’ siubhal thairis air machraichean ‘s eachdraidh na h-Alba, àrd-shràidean ‘s oiseanan an t-saoghail mhòir (gu h-àraidh Canada), agus ìomhaighean ‘s cleasan an eadar-lìn gus còd no ceòl no stiùireadh a lorg a nì ciall dhen t-saoghal timcheall oirnn. Bàrdachd shùbailte, gheur agus spòrsail a tha seo, guth a tha ùr, siùbhlach agus cudromach.
Pàdraig MacAoidh

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Bhon Phlateau dhan a’ Chladach”

Your email address will not be published. Required fields are marked *