Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair

Dòmhnall Alasdair Dòmhnallach

£10.00

Tha na sgeulachdan mar a tha a’ bhàrdachd – grinn agus ealanta. Tha iad air an snaigheadh teann, gun mòran leudachadh air facail, agus ceist no earball an cois gach tè.

ISBN: 9780861522255 Seòrsa:

ISBN: 9780861522255

Foillsichear: Acair

Ceann-latha foillseachaidh: 28 Cèitean 1999

Ri fhaighinn

Fiosrachadh

Acair, 2001. 126 duilleag.

Rugadh Dòmhnall Alasdair an 1919 an Garrabost, an sgìre an Rubha an Eilean Leòdhais, far an robh a dhachaigh airson trì fichead bliadhna mus do ghluais e a Steòrnabhagh.

Thàinig Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair a-mach an 1999. Bha leithid de dh'fhèill air an leabhar agus gun do dh'fhoillsich Acair an cruinneachadh seo de sgeulachdan goirid.

Tha na sgeulachdan mar a tha a' bhàrdachd - grinn agus ealanta. Tha iad air an snaigheadh teann, gun mòran leudachadh air facail, agus ceist no earball an cois gach tè. Tha e gad tharraing a-steach annta on fhìor thoiseach agus cha leig e às thug gus am freagair thu dhut fhèin a' cheist aig deireadh na sgeòil, no co-dhiù gus an smaoinich thu air brìgh nan sgeul.

Ged a tha smaoin dhomhainn an cois gach sgeòil, tha an sgrìobhadh anns a bheil an smaoin air a suidheachadh gu math èibhinn.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig ()

Be the first to review “Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair”

Your email address will not be published.