Fiosrachadh
Bradan Press, 2021. 96 duilleag. Còmhdach bog.
Dàin Ghàidhlig le tionndaidhean Beurla leis an ùghdar stèidhichte air creideamh, teaghlach, beatha ann an Uibhist agus leanabachd an ùghdair. Fhuair an cruinneachadh seo an dàrna àite aig Duais Dhòmhnaill Meek 2018 agus b’ e an t-ùghdar neach-buannachaidh Duais nan Sgrìobhadairean Ùra 2017 aig Urras Leabhraichean na h-Alba.
“Tha farsaingeachd, doimhneachd, aotromas agus cianalas anns a’ chruinneachadh eireachdail seo. Tha Marion F. Nic ’Ille Mhoire gar toirt bho raointean Ghalilee gu saor-làithean ann am Barraigh agus bho thaighean-dealbh Ghlaschu gu sgeulachdan bròin agus aoibhneis ann an Uibhist—an t-eilean far an do rinn i a dachaigh fad iomadh bliadhna. Tha dlùth choimhearsnachd, dàimhean teaghlaich agus creideamh làidir gu sònraichte a’ nochdadh san leabhar seo. Tha a’ bhàrdachd siùbhlach, eirmseach agus drùidhteach ann an iomadh nòs agus stoidhle—mholainn an cruinneachadh seo aig Marion dhuibh gu mòr.”
– Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.