Bho Ghinealach gu Ginealach

Jo NicDhòmhnaill & Màiri Anna Chaimbeul (Deasaiche)

£15.00

Taghadh de na h-òrain agus a’ bhàrdachd Ghàidhlig aig an teaghlach Caimbeulach à Taobh a Deas Loch Baghasdail, Uibhist a Deas.

ISBN: 2312 Seòrsa:

ISBN: 9780993408007

Foillsichear: Ceòlas

Ceann-latha foillseachaidh: 15 Giblean 2016

5 a-mhàin air fhàgail

Fiosrachadh

Ceòlas Uibhist, 2016. 153 duilleag.

Taghadh de na h-Òrain aig Caimbeulaich Taobh a Deas Loch Baghasdail

Deasaichte le Jo NicDhòmhnaill agus Màiri Anna Chaimbeul.

Taghadh de na h-òrain agus a' bhàrdachd Ghàidhlig aig an teaghlach Caimbeulach à Taobh a Deas Loch Baghasdail, Uibhist a Deas. Tha òrain ann le dà bhràthair agus piuthar anns a' chiad dol-a-mach, ceathrar bhràithrean san ath ghinealach agus eisimpleir bho ghinealach an latha an-diugh cuideachd. A Pheigi a GhràidhÒran na h-AirshipA' Bhriogais Uallach agus Òran nan Stocainnean - tha òrain a rinn iad am measg na feadhna as measail aig na Gàidheil an-diugh. Ged a chaidh cuid dhiubh fhoillseachadh roimhe, cha deach an toirt cruinn a-riamh gu seo. Taghadh a tha a' toirt sealladh air beatha làitheil thar còrr is ceud bliadhna de dh'atharrachaidhean sòisealta agus teicneòlasach ann an coimhearsnachd Uibhist a Deas.

Anns a' Ghàidhlig a-mhàin, sgeadaichte le dealbhan dubh is geal.

Leirmheasan

Chan eil leirmheasan ann fhathast.

Show only reviews in Gàidhlig (0)

Be the first to review “Bho Ghinealach gu Ginealach”

Your email address will not be published.