Fiosrachadh
Adhartas na Hearadh Earranta, 2014. 176 duilleag.
Rinn Alasdair MacFhearghais iomadh seòrsa bàrdachd mu dheidhinn tachartan ionadail, a’ toirt a-steach aoirean, òrain eibhinn, òrain agus cumhachan mu thimcheall chogaidhean. Nam measg bha laoidhean mu dheidhinn dhaoine a bha dlùth dha chridhe. Tha doimhneachd smaointean ri fhaicinn ann am pàirt de dh’ obair Alasdair agus bha e cho sàr-chomasach air gnothaichean spioradail no trom-chuiseach a shamhlachadh, mar a chunnaic e fhèin na bheatha iad, ‘s a bha e air òrain aotrom no àbhachdach a chur ri chèile. Aon rud a bha cho tarraingeach na bhàrdachd ‘s e gun robh sgeulachd, fiosrachadh agus ìomhaigheachd rim faotainn taobh ri taobh.
Leirmheasan
Chan eil leirmheasan ann fhathast.