An Ròs a Leigheas: Ficsein stèidhichte ann an eachdraidh le Graham Cooper

 

Tachartas leabhair Gàidhlig le còmhradh sa Bheurla is leaughaidhean sa Ghàidhlig.

Bidh sgrìobhadair Ghàidhlig, Graham Cooper, a’ bruidhinn mu bhith a’ sgrìobhadh ficsein stèidhichte san àm a dh’fhalbh agus an leabhar ficsein aige, An Ròs a Leigheas, sgeul mu Rìgh Seumas IV air taistealachd a Bhaile Dhubhthaich leis an lannsair Eanraig Leich agus Tòmas, an t-amadan as fheàrr leis, mus tèid iad a Bhlàr Flodden.

Airson barrachd fiosrachaidh
Fòn: 01343 562601
Post-d: [email protected]

Leugh is Seinn le Linda sa bhùth (26/11)

 

Thig còmhla rinn airson madainn de dh’òrain Ghàidhlig, geamannan agus pupaidean!

Join us for a morning of Gaelic stories with songs, games and puppets!

Session 1 (10:00 AM – 10:45 AM) – Children aged 0-5

Session 2 (11:00 AM – 11:45 AM) – Children aged 0-5

*Please register for tickets using your child’s name. Parents do not need to register tickets for themselves.*

Cur air bhog: Doras Gun Chlàimhean

Mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba, thig còmhla rinn gus Doras Gun Chlàimhean a chur air bhog ann an Glaschu, le Catrìona Mhoireach, deasaiche an leabhair ùir seo mu bhàrdachd, òrain agus aistean Mhurchaidh MhicPharlain, “Bàrd Mhealaboist”. Bidh Catrìona a’ bruidhinn mu obair chliùtach a’ bhàird còmhla ri Mairead NicLeòid (na h-Òganaich) a bha glè eòlach air agus a sheinn na h-òrain aige air feadh an t-saoghail.

A Poetry Feast of Mythical Beasts

Le bhith a’ cleachdadh sgeulachdan à beul-aithris Albannach, tha seachdnar – Hollie McNish, Dave Hook, Katie Ailes, bàrd Gàidhlig Ceitidh Chaimbeul, Anita Mackenzie, Julie Rea agus Calum Rodger – a’ cur dhàn ùra ri na creutairean a tha rim faighinn ann an ùr-sgeulan na h-Alba, agus gan toirt chun aonamh linn air fhichead, le brosnachadh bho Púca Printhouse, a dhealbhaich am mapa “Mythical Beasts of Scotland”.

Tha an tachartas seo na phàirt den fhèis bhàrdachd Push the Boat Out.

Ann an Solas na Cagailt

 

Bidh fàilte bhlàth romhaibh ann am meadhan a’ gheamhraidh aig an fheasgar de bhàrdachd a bhios Comhairle nan Leabhraichean a’ cur air dòigh, leis a’ bhàrd ainmeil Meg Bateman, còmhla ri Beth Frieden, a fhuair Duais nan Sgrìobhadairean Ùra, agus Deborah Moffatt, a bhios a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus Beurla. Tha sinn an comain ar caraidean aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba airson a’ chothruim a bhith a’ cumail an tachartais seo san togalach aca mar phàirt de Bhliadhna nan Sgeul.

Uibhist Mo Ghràidh

 

Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Ceòlas moiteil triùir Uibhisteach tàlantach a thoirt còmhla airson oidhche de dh’òrain, ceòl is sgeulachdan. Tha Màiri Nic a’ Mhaoilean agus Gillebride MacIllemhaoil ainmeil an dà chuid airson òrain à dualchas Uibhist agus airson òrain ùra, agus tha Màrtainn Mac an t-Saoir air cliù a chosnadh mar sgrìobhaichte is seanchaidh. Thigibh còmhla rinn gu Cnoc Soilleir airson cèilidh nan cuideachd.

An Deagh Sgeul

 

Tha Comhairle nan Leabhraichean a’ comharrachadh dileab Chalum Chille le bàrdachd agus ùrnaighean. Bidh Sandaidh NicDhòmhnaill Jones, a fhuair coimisean bho Acadamaidh Rìoghail Èireann gus An Naomhsgeul as Buaine a sgrìobhadh mar phàirt de Cholmcille 1500, a’ còmhradh le Mgr Ros Crichton, a dh’fhoillsich Noibhean do Chalum Chille gus an ceann-bliadhna a chomharrachadh. Bidh Kathleen Reddy bho Oilthigh Ghlaschu sa chathair.

Bàrdachd le Rody Gorman agus Clive Boutle

 

Thig còmhla ri bàrd A’ Chomuinn Ghàidhealach (2021), Rody Gorman, agus foillichear Clive Boutle ann an còmhradh mu bhàrdachd, le leughaidhean, is tì agus coifidh ri fhaighinn, aig an WASPS Artist’s Studios ann am Peairt.

Tha an tachartas seo na phàirt dhen Mòd Nàseanta Rìoghail ann am Peairt.

Cur air bhog: ‘Doras Gun Chlàimhean’ agus leabhar ri thighinn, ‘Gun Sireadh, Gun Iarraidh’

Tha cuireadh oirt bho Comhairle nan Leabhraichean agus Foillseachadh Alba dà leabhar ùr de dh’òrain bho Acair a’ chomharrachadh: Doras Gun Chlàimhean: Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealaboist, air a dheasachadh le Catriona Mhoireach, agus fhathast ri thighinn, Gun Sireadh, Gun Iarraidh  – The Tolmie Collection, air a dheasachadh le Cenna Chaimbeul agus Ainsley Hamill. Le aoighean shònraichte, Mairead NicLeòid (Na h-Òganaich), Mark Wringe agus Màiri Anna NicUalraig.

A’ comharrachadh cànan, tìr is daoine nan Eilean

Feasgar le ùghdaran de trì leabhraichean ùra mu bheatha sna h-Eileanan.

Tha Rody Gorman – aon dhe na doaine a rinn eadar-theangachadh air leabhar Derek Robertson, Bho Bheul an Eòin – a’ cur ainmean air eòin is beathaichean a tha air imrich gu tuath air sgàth atharrachadh na gnàth-shìde.

Tha leabhar Will Maclean, Compelled by Memory (cuideachd sgrìobhte le Marian Leven agus Arthur Watson), a’ coimhead air eachdraidh strì an fhearainn an ann Leòdhas, air a chomharrachadh le carraighean-cuimhne air an dealbhachadh le Will Maclean.

Ann an Riddoch on the Outer Hebrides tha Lesley Riddoch ag ùrachadh na sgrìobh i mu bheatha sna h-Eileanan às dèidh turas baidhsagail bho Bharraigh gu Rubha Robhanais a rinn i còig bliadhna deug air-ais, a’ sealltainn nan dùbhlan a th’ aig coimhearsnachdan ùra aig a bheil sealbh air an fhearann aca fhèin.

Bidh na trì sgrìobhadairean a’ còmhradh le chèile agus bidh leabhraichean rin reic às dèidh làimh. ‘S e tachartas Beurla a tha seo.