Bidh leabhar bhàrdachd ùr le Crìsdean MacIlleBhàin, Mo Shearmon / What I Have to Say, ga chur air bhog ann am bùth Comhairle nan Leabhraichean air Seachdain nam Bùithtean Leabhraichean Neo-eisimeileach 2023!
Tha Crìsdean na sgìobhaidear, bhàird is eadar-theangaichear cliùiteach, le obair sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Tha an leabhar ùr seo foillsichte le Francis Boutle Publishers.
Tha an dàn fada cumasgta ‘Mo Shearmon’ a’ dèiligeadh ri iomadh cuspair agus a’ gabhail a-steach iomadh ìomhaigh, gach uair mar choltas air na th’ aig am bàrd ri ràdh agus an dòigh air an canar e. ’S e dàn cluicheach, aincheartach, amasgaidh a th’ ann, gun fhios sam bith aig an leughadair càit’ an tèid a stiùireadh no dè tha dol a’ leantainn. Sna dàintean goirid eile nochdaidh faireachdainnean, àiteachan is pearsannan diofraichte, càirdean is nàimhdean còmhla, anns an fhradharc Eòrpach a tha àbhaisteach ann an obair Crìsdean MacIlleBhàin.

Thig còmhla rinn airson madainn de dh’òrain Ghàidhlig, geamannan agus pupaidean!
Join us for a morning of Gaelic stories with songs, games and puppets!
Session 1 (10:00 AM – 10:45 AM) – Children aged 0-5
Session 2 (11:00 AM – 11:45 AM) – Children aged 0-5
*Please register for tickets using your child’s name. Parents do not need to register tickets for themselves.*

Thig còmhla rinn airson cur air bhog Na Peataichean a Thàinig Gu Sràid Phalmerston / The Pets That Came to Palmerston Street! Leabhar cloinne le dealbhan, sa Ghàidhlig is sa Bheurla, a bhios spòrsail, caoin agus beothail, air a sgrìobhadh le Laurie Stanley-Blackwell, air a dhealbhachadh le Treasag Nic Coinnich agus air a h-eadar-theangachadh le Oighrig Nic Raing.
Tha an stòiridh seo mu dheidhinn Eanraig is Abaidh a tha airson cù fhaighinn. Chan fhada gus am bi iomadh seorsa peata cuide riutha nan dachaigh air Sràid Phalmerston. Tha a’ chlann agus am màthair a’ fòghlaim mar a thèid aig a’ chridhe air fuasgladh chum barrachd gràidh a thoirt a-steach.
Tha còd QR an cois an leabhair, le ceangal gu clàradh de Oighrig Nic Raing ag aithris na sgeòil, a bhios taiceal do phàrantan is luchd-ionnsachaidh.
‘S e “livestream” air Zoom de chur air bhog ann an Antigonish, Alba Nuadh (aig 2f Halifax), a th’ anns an tachartas seo, a’ toirt daoine air feadh an t-saoghal còmhla airson Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh.

Thig còmhla rinn airson madainn de dh’òrain Ghàidhlig, geamannan agus pupaidean!
Join us for a morning of Gaelic stories with songs, games and puppets!
Session 1 (10:00 AM – 10:45 AM) – Children aged 0-5
Session 2 (11:00 AM – 11:45 AM) – Children aged 0-5
*Please register for tickets using your child’s name. Parents do not need to register tickets for themselves.*

Thig còmhla rinn aig fèis Wee Write airson òrain Ghàidhlig, geamannan agus pupaidean le Linda NicLeòid is Muncaidh!
Airson clann aois 0-5.

Thig còmhla rinn aig fèis Wee Write airson òrain Ghàidhlig, geamannan agus pupaidean le Linda NicLeòid is Muncaidh!
Airson clann aois 0-5.

Thig a dh’èisteach ri Ruaraidh G. MacIlleathain (Roddy Maclean) aig fèis leabhraichean Aye Write is e a’ bruidhinn mun leabhar aige Cha Till Mise, eachdraidh nan conbhoidhean dhan Ruis san Dàrna Chogadh.
Nuair a bha Ruaraidh G MacIlleathain a’ fàs suas ann an Glaschu anns na seasgadan, chanadh a mhàthair ris gach 31 Dùbhlachd, ‘Chaidh Daibhidh a chall air na Russian Convoys’ – dìreach na faclan sin. B’ e co-ogha dha mhàthair a bha ann an Daibhidh. Bha e 22 bliadhna a dh’aois.
B’ e an aon fhiosrachadh a bha aig an teaghlach gun deach soitheach Dhaibhidh, HMS Achates, fodha ann am Muir Bharents, 31 Dùbhlachd 1942. Cha d’ fhuair iad a-mach a-riamh dè thachair dhan a’ bhalach òg à Bhatarnais san Eilean sgitheanach. An deach a bhàthadh? An deach a mharbhadh le slige Ghearmailteach? Ach, a-nis, an dèidh rannsachadh agus thurchartasan iongantach, gabhaidh sgeulachd Dhaibhidh innse.
Tha an leabhar seo a’ toirt sùil mhionaideach air na conbhoidhean dhan Ruis, agus mun ghaisgeach a bha ri fhaicinn ann am Blàr Mhuir Bharents, a’ mhadainn ud ann an 1942.
‘S e tachartas dà-chànanach a bhios seo, air a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.
Cosgais thiogaidean: £6.72.

Bidh Beth Frieden a’ cuir air bhog an leabhran aice, Acair san Talamh / Anchor in the Land, foillsichte le Stewed Rhubarb Press, aig fèis leabhraichean Aye Write.
Seo a’ chiad leabhran bhàrdachd le Beth Frieden (a bhuannaich Duais nan Sgrìobhadairean Ùra 2021), agus a’ chiad leabhar foillsichte le Stewed Rhubarb anns a bheil Gàidhlig. Tha Beth à Aimeireaga bho thùs, is tha na dàin aice a’ siubhail thar chuantan, a’ toirt iomradh air a bhith ag imrich, air teaghlach, is air nàdar, le iongnadh is gàire.
Bho coilltean Shasainn Nuaidh gu teanamantan Ghlaschu, tha bàrdachd Beth ceangailte ris an dachaigh, a bhith na màthair, agus a sireadh àite ris a bheil i a’ buntainn. Tha i gar toirt air turas tro phoiliteags, cànain is tìr leis an leabhran dà-chànanach seo.
Tha Beth na bàrd, cleasaiche, is na màthair. Chaidh a togail anns na Stàitean Aonaichte agus rinn i imrich a dh’Alba ann an 2008, far an do dh’ionnsaich i Gàidhlig. Tha i a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig is sa Bheurla a-nis, agus choisin i Duais nan Sgrìobhadairean Ùra bho Urras Leabhraichean na h-Alba, ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean, ann an 2021 airson a cuid bhàrdachd Gàidhlig.
‘S e tachartas dà-chànanach a bhios seo, le leughaidhean sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.
Bidh Meg Bateman sa chathair.