Tigeropolis

14 Faoilleach 2022 4:00 pm

Chaidh na leabhraichean Tigeropolis le R. D. Dikstra an clàradh airson sreath rèidio le 10 eapasod airson clann aois 8-10.

Tha an tionndadh Gàidhlig den t-sreath air aithris le Gillebide Mac ‘IlleMhaoil. Tha e ag innse sgeulachd iongantach mu theaghlach thìgearan (a tha nan glasraich!) a tha ann an cunnart a bhith air am fuadachadh a-mach às a’ choille aca.

Tha tòrr spòrs aig na cuileanan Bittu agus Matti agus an teaghlach is iad a’ feuchainn ri làmh an uachdair fhaighinn air na daoine a tha gam bagairt agus a’ dol air tòir ulaidh a chaidh a chall!

 

Fiosrachadh a thaobh sgaoileadh

Bidh Tigeropolis ga sgaoileadh bho Dihaoine 14 Faoilleach air  Radio Skye, Isles FM, Nevis Radio, Two Lochs Radio, Paisley FM, Lochbroom FM, Arran Sound, Dunoon Community Radio agus K107FM (Kirkcaldy) – thoir sùil air làraich-lìin nan stèisean airson amannan.