Taisbeanadh Zoom mu Nobhailean Grafaigeach Aonghais MacLeòid

21 Gearran 2023 7:00 pm

Mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2023, bidh an t-ùghdar is neach-ealain Aonghas MacLeòid, à Ceap Breatann, Alba Nuadh, a’ taisbeanadh seisean Zoom an-asgaidh. Bheir Aonghas iomradh air aon de na sgeulachdan ann an Dorsan, an dàrna nobhail ghrafaigeach aige. Le 15 sgeulachd fantasachd is oillt, chaidh Dorsan fhoillseachadh san Dàmhair 2022 le Clò a’ Bhradain.

Leughaidh Aonghas an sgeulachd is cuiridh e eadar-theangachadh na cois, agus crìochnaichidh e le bhith a’ bruidhinn mu na bhrosnaich e gus na sgeulachdan a sgrìobhadh. Gheibh iadsan a bhios an làthair air Zoom cothrom ceistean a chur air Aonghas, a’ gabhail a-steach cuspairean gràmair is cleachdadh cànain.

Ma chlàras sibh àite airson an taisbeanaidh seo, gheibh sibh ceangal Zoom agus PDF dhen sgeulachd.

Clàr àite