Sgeirean, Sguabadh, Seòlan-mara
7 Ògmhios 2022 6:30 pm
Cuirm ciuìl is labhairt a’ cliùìteachadh Aonghais Dhuibh aig 80.
Rugadh is thogadh am bàrd Aonghas Dùbh MacNeacail ann an Ùige san Eilean Sgitheanach. Bàrd, òranaiche, craoladair, dràmadaiche, eadar-theangadair, Gàidheal eadar-nàiseanta. Tha a’ bhàrdachd aige, ann an Gàidhlig agus ann am Beurla air cliù is duaisean a chosnadh air feadh an t-saoghail mhòir. Tha an fheadhainn a bhios a’ gabhail pàirt sa chuirm seo dèidheil air an duine agus air a chuid ealain agus air obrachadh còmhla ris tarsainn iomadh bliadhna, agus toilichte urram a shealtainn dha air an oidhche shònraichte seo.
Nam measg bidh:
Meg Bateman, Cailean Bramwell, Paddy Bushe, Michael Byrne, Aonghas Pàdraig Caimbeul, Brìghde Chaimbeul, Màiri Anna NicUalraig, Liz Lochhead, Karen Matheson, Donald Shaw, Anna-Wendy Stevenson, Gerda Stevenson, Savourna Stevenson, Uilleam Sweeney agus grunn eile ri dhearbhadh fhathast. Cuideachd thèid am film ghoirid ‘An Cathadh Mor’ (stèidhichte air bàrdachd Aonghais) le Rob MacNeacail agus Sìm Friseal a shealltainn.
Air a thaisbeanadh le DHM Concerts agus Comhairle Nan Leabhraichean
Air urrasachadh le Comhairle Nan Leabhraichean, Bòrd na Gàidhlig agus Dr David Summers Charitable Trust
Tiogaidean