Na Duaisean Litreachais 2022

15 Sultain 2022 7:00 pm

Bidh na Duaisean Litreachais 2022 a’ dol air adhart mar a bha fa-near dhuinn. Bidh mionaid de shamhchair aig an toiseach airson cuimhneachadh air a’ Bhànrigh Ealasaid.

Thig còmhla rinn gu Cottiers Theatre, Glaschu, airson meala-naidheachd a chur air na sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig as fheàrr, le Joy Dunlop agus aoighean sònraichte eile.

Leugh barrachd mu na leabhraichean air na geàrr-liostaichean an seo.

Ar taing mhòr don fheadhainn a tha air taic a chumail ris na duaisean seo – Comann Gàidhealach Lunnainn, Leabharlann Bàrdachd na h-Alba, Dòmhnall Meek, Acair, agus teaghlach Ruaraidh MhicThòmais nach muireann – agus do dh’Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig airson an taic leantainnich.

Tha tiogaidean an-asgaidh. Gleidh an t-àite agadsa gun dàil.

Bidh eadar-theangachadh mar-aon bho Ghàidhlig gu Beurla ri fhaighinn.

Èideadh: spaideil/cofhurtail

Tiogaidean