Mòrag Law: A’ Fàgail an Eilein
13 Cèitean 2022 6:30 pm

Tha an nobhail ùr dhrùidhteach aig Mòrag, A’ Fàgail an Eilein, ag innse mu dheidhinn Màiri a lorgas prògram airson cuirm a bhuineadh do a màthair nach maireann. Fhad ’s a tha i a’ cur sùil air, tha cuimhneachain làidir a’ tilleadh thuice air atharrachaidhean a thachair anns an teaghlach agus na beatha fhèin nuair a bha i air stairsneach inbheachd. Ciad ghaol. Tinneas. Imrich, an-fhois, dìomhaireachd is dùbhlain. Agus a’ fàs neo-eisimeileach ann an dòigh nach robh dùil idir aice. Seo a’ chiad nobhail bho ùghdar Dìleab Cholbhasach, agus Cuibhle an Fhortain a bha air geàrr-liosta Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson an leabhar ficsein as fheàrr aig Na Duaisean Litreachais 2020.
Daelbh le: www.RobMcDougall.com
Tiogaidean