Leughadh tron Lockdown

18 Samhain 2021 7:00 pm

Eadar eucoir, bàrdachd agus sgeulachdan goirid, dè na leabhraichean a bha gar cumail a’ dol tro na glasaidhean-sluaigh?

Bidh an t-eadar-theangaire Alasdair MacCaluim agus an sgrìobhadair Maureen NicLeòid a’ bruidhinn ri Alison Lang, stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean, mu na leabhraichean a bha cudromach dhaibh an-uiridh agus am-bliadhna, agus mun bhuaidh a thug an suidheachadh annasach seo air na cleachdaidhean leughaidh aca.

Bidh an seisean a’ gabhail àite beò air-loidhne agus bidh cothrom aig an luchd-èisteachd ceistean a chur air a’ phanail. Thig còmhla rinn is gabh pàirt sa còmhradh!

Tha an tachartas seo ga ruithe mar phàirt de Seachdain Leabhraichean na h-Alba.

Diardaoin 18 Samhain aig 7f.

Clàraich