Fèis Leabhraichean Byres Road: Mòrag Law agus Niall O’Gallagher

24 Sultain 2022 2:00 pm

Disathairne 24 Sultain, 2-3f. Leabharlann Hillhead.

Tha nobhail ùr Mòrag Law, A’ Fàgail an Eilein, steidhichte air an Eilean Sgitheanach, agus tha an sgeulachd a leantainn Màiri às dèidh dhi prògram cuirmchiùil a lorg a-measg rudan a màthar nach maireann. Chaidh leabhar eile le Mòrag ainmeachadh air geàrr-liosta Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn 2020 airson leabhar ficsein as fheàrr. Tha ùidh shònraichte aice ann a bhith a’ cruthachadh sgrìobhadh a bhios freagarrach is fosgailte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Disathairne 24 Sultain, 3.30-4.30f. Leabharlann Hillhead.

Chaidh Niall O’Gallagher ainmeachadh mar a’ chiad “Bhàrd Baile Ghlaschu” ann an 2019. Choisinn e Duais Ghàidhlig Baile na h-Ùige ann an 2020. ’S e Fo Bhlàth an treas cruinneachadh bàrdachd aige. Bidh Niall a’ còmhradh le Colin Herd.

Tiogaidean