Dòmhnall Meek agus Eòghan Stiùbhart: Feasgar de bhàrdachd Ghàidhlig

20 Cèitean 2022 6:30 pm

Feasgar de bhàrdachd Ghàidhlig còmhla ri Dòmhnall Meek agus Eòghan Stiùbhart

Tha bròn is aoibhneas, meòrachadh domhain, seallaidhean spioradail, gruaim is gàire is fealla-dhà uile rin lorg sa chruinneachadh ùr aig Dòmhnall, Eadar Ceòl is Coròna. Coltach ri bàrd baile, tha Dòmhnall a’ toirt iomradh air farsaingeachd de chuspairean bho Thiriodh gu galar mòr-sgaoilte COVID-19.

’S e Beum Sgeithe a’ chiad chruinneachadh bho bhàrd, Eòghan Stiùbhart. Na bhroinn, tha bàrdachd a tha aig an aon àm, traidiseanta agus ùr-nòsach, a’ cur còmhla ìomhaighean bho nàdair agus cuspairean leithid poilitigs, cultar, gaol agus bàs.

Tiogaidean