Cur air bhog air-loidhne: Na Peataichean a Thàinig Gu Sràid Phalmerston
13 Cèitean 2023 6:00 pm
Thig còmhla rinn airson cur air bhog Na Peataichean a Thàinig Gu Sràid Phalmerston / The Pets That Came to Palmerston Street! Leabhar cloinne le dealbhan, sa Ghàidhlig is sa Bheurla, a bhios spòrsail, caoin agus beothail, air a sgrìobhadh le Laurie Stanley-Blackwell, air a dhealbhachadh le Treasag Nic Coinnich agus air a h-eadar-theangachadh le Oighrig Nic Raing.
Tha an stòiridh seo mu dheidhinn Eanraig is Abaidh a tha airson cù fhaighinn. Chan fhada gus am bi iomadh seorsa peata cuide riutha nan dachaigh air Sràid Phalmerston. Tha a’ chlann agus am màthair a’ fòghlaim mar a thèid aig a’ chridhe air fuasgladh chum barrachd gràidh a thoirt a-steach.
Tha còd QR an cois an leabhair, le ceangal gu clàradh de Oighrig Nic Raing ag aithris na sgeòil, a bhios taiceal do phàrantan is luchd-ionnsachaidh.
‘S e “livestream” air Zoom de chur air bhog ann an Antigonish, Alba Nuadh (aig 2f Halifax), a th’ anns an tachartas seo, a’ toirt daoine air feadh an t-saoghal còmhla airson Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh.
Tiogaidean (an-asgaidh)