Caraidean is Uilebheistean

17 Sultain 2022 2:00 pm

Thig is coinnich ris na caractaran as fheàrr leibh – Grumpa, MacNis Beag agus Donaidh Dathach – aig Leabharlann Inbhir Nis. Bidh na h-ùghdaran Ceitidh Hutton, Pauline NicAoidh agus Gwen Bowie a’ leughadh, a’ seinn agus a’ cluich, agus bidh cothrom agad an damhan-allaidh agad fhèin a dhèanamh! Airson cloinne suas gu 8 bliadhna a dh’aois.

Tha sinn taingeil do VisitScotland agus Museums Galleries Scotland airson an taice leis an tachartas seo ann am Bliadhna nan Sgeul.

Tiogaidean