Bàrdachd aig a’ Chrùbh
21 Màrt 2022 7:30 pm
Thig còmhla ri bàird chliùteach, Rody Gorman agus Maoilios Caimbeul airson oidhche làn rannan is spòrs gus Là Bàrdachd na Cruinne a chomharrachadh.
Bidh Mark Wringe sa chathair airson an tachartais a bhios ga chumail aig a’ Chrùbh agus ga chraoladh beò air na meadhanan sòisealta. Tha an tachartas seo ga chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean agus An Comunn Gàidhealach mar phàirt de Seachdain na Gàidhlig, a’ chiad sheachdain cultair is cànain airson na Gàidhlig a thèid a chumail tron dùthaich air fad
Rody Gorman
Nochd a’ chiad chruinneachadh bàrdachd aig Rody, Fax and Other Poems (Polygon) an 1996, agus tha deich cruinneachaidhean eile air nochdadh gu ruige seo. Ann an 2021, chaidh Rody ainmeachadh mar Bàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich.
Maoilios Caimbeul
Tha Maoilios air deich leabhraichean de bhàrdachd a thoirt a-mach agus nobhailean do dheugairean agus inbhich cuideachd. Nam measg tha Saoghal ùr (Diehard, 2003) agus The two sides of the pass / Dà thaobh a’ bhealaich (Two Ravens, 2009).
Tiogaidean