Alasdair C. MacIlleBhàin aig Creative Conversations

17 Faoilleach 2022 1:00 pm

Tha Comhairle nan Leabhraichean ann an co-bhonn le Roinn Sgrìobhadh Cruthachail Oilthigh Ghlaschu toilichte an tachartas aghaidh ri aghaidh seo a thoirt fa ur comhair. Bidh Alasdair a’ seinn òrain agus a’ leughadh bàrdachd bhon leabhar ùr aige maim-slè.

***

Chaidh Co-phàirt Rannsachaidh LKAS ann an Ainm-eòlas Ceilteach a bhuileachadh air Alasdair C. MacIlleBhàin san Dàmhair 2019. Ron sin, bha e na Rannsaiche Chleamhnaichte aig Oilthigh Ghlaschu. ‘S e ainmeannan-àite Mhuile agus Ghlaschu a phrìomh chuspairean rannsachaidh.

A thuilleadh air a chuid rannsachaidh, tha e na sheinneadair, na òranaiche, na sgrìobhaiche-dràma, na chleasaiche agus na phreasantair. Chaidh a ainmeachadh mar Thosgaire na Bliadhna le Riaghaltas na h-Alba ann an 2019.

Clàraich