Duaisean nan Sgrìobhaidearan Ùra 2023

Air fhoillseachadh: 23 Cèitean 2023 ann an Naidheachdan

Sgrìobhadairean a bhuanaich Duaisean nan Sgrìobhaidearan Ùra 2023 © Rob McDougall

 

Mealaibh ur naidheachd, a Robbie MhicLeòid is a Dhòmhnaill Eòghainn MhicFhionghain!

 

Choisinn Robbie MacLeòid agus Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain Duais nan Sgrìobhadairean Ùra 2023 le Urras Leabhraichean na h-Alba, ann an co-bhann le Comhairle nan Leabhraichean.

Gach bliadhna bidh Urras Leabhraichean na h-Alba a’ toirt seachad duaisean do sgrìobhadairean ùra ann an Alba gus an cuid sgrìobhaidh a leasachadh, le duais airgid na chois is cothrom meantorachd, le amas air na sgrìobhaidearan an obair aca fhoillseachadh san àm ri teachd.

Bidh Robbie MacLeòid ag obair air a bhàrdachd a leasachadh agus bidh Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain ag obair air sgeulachdan goirid.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ris an obair aca fhaicinn ann an clò!

Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn agus pìos beag den obair aca a leughadh, tadhail air: https://www.scottishbooktrust.com/writing-and-authors/new-writers-awards/this-years-new-writers