Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2022 – Coinnich ri Buannaiche na Duais Ghàidhlig

Air fhoillseachadh: 25 Faoilleach 2022 ann an Naidheachdan

Chaidh an Duais Ghàidhlig mar phàirt de Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra Urras Leabhraichean na h-Alba a bhuileachadh air Shelagh Chaimbeul. Tha Shelagh na pàirt de bhuidheann de deichnear sgrìobhadairean ùra a chaidh a thaghadh airson an sgeama, a gheibh taic le stiùireadh proifeiseanta gus an cuideachadh gluasad a dh’ionnsaigh foillseachadh. Maoinichte le Alba Chruthachail agus air a ruith le Urras Leabhraichean na h-Alba, tha na duaisean air taic a chur ri còrr air 140 neach cruthachail fa leth bho 2009.

Gheibh gach aon de na 10 buannaichean duais £2,000 agus taic a bhios freagarrach do am feumalachdan, a’ gabhail a-steach stiùireadh bho sgrìobhadairean agus proifeiseantaich gnìomhachais, cothroman trèanaidh, agus àrd-ùrlar airson an cuid obrach a thaisbeanadh do fhoillsichearan agus àidseantan.

Mu dheidheinn Shelagh

‘S ann à Glaschu a tha Shelagh agus bidh i a’ sgrìobhadh leabhraichean ficsean do chloinn agus do dh’inbhich sa Ghàidhlig. Thòisich i ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an 2005 agus thòisich i a’ sgrìobhadh sa chànan cho luath ‘s a bha e comasach dhi dà seantans a chur ri chèile.

Bhuannaich i Duais Litreachais airson làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte as fheàrr do chloinn ann an 2020 agus chaidh an sgrìobhadh aice fhoillseachadh san iris Northwords Now. Bidh i a’ stiùireadh seiseanan leughadh co-roinnte agus sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig gach mìos tro Open Book.

Tha i ag obair air nobhail eucoir stèidhichte ann an Cill Rìmhinn an-dràsta agus tha i taingeil gum faigh i cothrom a cuid sgrìobhaidh a leasachadh tron duais seo.

Thuirt Shelagh

‘Tha mi cho taingeil gu bheil mi air an duais seo fhaighinn. Chan eil e furasta do sgrìobhadair ùr eòlas fhaighinn air an t-slighe air adhart, agus tha mi fortanach gu bheil iomadh buannachd agus cothrom an lùib a’ phrògraim seo.’