Do Aonghas Dubh Là na h-Aoise

Air fhoillseachadh: 7 Ògmhios 2022 ann an Naidheachdan

Dàn le Bàrd Oifigeil a’ Chomuinn Ghàidealaich, Rody Gorman airson an 80mh co-latha breith aig sàr-bhàrd agus sgrìobhadair òrain, Aonghas Dubh MacNeacail a chomharradh.

Do Aonghas Dubh Là na h-Aoise

Fhir-dhàna ’s ollaimh ri filidheachd,
Seadh, agus ri seanchas
Is ealain a tha thu ann,

A cheist is a chuspair
A bhuain aois a’ gheallaidh
’S t’ anam dubh dubh gun sgur

Agus do shùilean beò nan lasair
Nad shuidhe sa chnoc a’ sealltainn a-mach
Air an Eilean ’s na Crìochan ’s Leum na Caillich,

An dèidh dhut èirigh ’s falbh
Agus an obair mhòr agad
Is an dreuchd ud a leigeil a-nuas

Mu dheireadh thall ’s a-bhos
Is na leabhraichean a chur an dara taobh
Mar a dhèanadh na linn am bodach

Na aon luaireagan beag air teòradh,
A chiall, ris a’ bhlàths a-staigh,
Cha chreid mi nach fhàg sinn,

Mar chuimhneachan ’s mar chomharradh,
A’ chathair agad thall ud
Bàn ’s falamh gu Là Luain.