Cùrsa: Gràmar is Cleachdadh Cànain

Air fhoillseachadh: 13 Faoilleach 2023 ann an Naidheachdan

Bidh an cùrsa ‘Gràmar is Cleachdadh Cànain’ ga chumail le Comhairle nan Leabhraichean ann an Glaschu an ath mhìos, agus bidh seo feumail do dhaoine a tha an sàs ann an sgrìobhadh Gàidhlig cruthachail. ‘S e Ruairidh MacIlleathain a bhios ga theagasg: tha e air nobhailean agus leabhraichean rosg a dhèanamh agus tha e air a bhith a’ teagasg grunn bhliadhnachan.

Bheir an cùrsa taic dhut a thaobh leasachadh sgilean-gràmair agus cleachdadh-cànain. Bidh e gu h-àraid iomchaidh do dhaoine a tha a’ dèanamh rosg (ficsean agus neo-fhicsean).

Bidh an cùrsa ga chumail thairis air trì latha, Dimàirt 21mh – Diardaoin 23mh an Gearran 2023, eadar 9:30m-5f. ‘S ann ann an oifis Theatre Gu Leòr a bhios e: 22 Sràid Achadh a’ Mhansa, Partaig.

Gheibh suas gu sianar cothrom a dhol air a’ chursà seo. Cuiribh fios gu John aig [email protected] ro 10mh an Gearran 2023 gus àite a ghlèidheadh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu dheidhinn chosgaisean agus gnothaichean eile, cuiribh fios gu John.