Colm Cille Writing Competition Winners

Posted on 15 December 2021 in Latest News

These are the winning pieces from our Colm Cille 1500 Writing Competition, held in Spring 2021 to mark the 1500th anniversary of the birth of St Columba. We hope you enjoy reading them as much as we did!

Category: Fluent adults

'Fèillire Cholm Cille' by Griogair MacThòmais

Am Faoilleach
Gealag-làir a’ carachadh
ri taobh Loch Gartain –
rugadh fionn-ogha Nèill.

An Gearran
Dreag os cionn Èireann –
baisteadh sionnach òg
le driùchd Thulach Duglaise.

Am Màrt
Là Fhèill Chruithneachain
a chunnaic las os cionn Cholm –
deucon ùr fo stiùir.

An Giblean
Plàigh an Glas Naoidhean,
bàs is lobhadh san àile earraich.
Tha glainnead san doire.

An Cèitean
Sgrìobhadh salmadair
air seice laoigh ìobairte
mu uan na sìthe.

An t-Ògmhios
Feannagan-dubha
mu bhlàr Chath an Leabhair –
còir-sgrìobhaidh buailte.

An t-Iuchar
Soirbheas a’ mhìos bhuidhe.
Curach far cladach Chinn Tìre
dà dheug ’s a h-aon innt’.

An Lùnastal
Dubhadh às an Lùnastal.
Altus Prosator
Feuch, an Cruithear!

An t-Sultain
Ciont an deòraidh –
A’ ruagadh pàganachd
fo ghealaich abachaidh.

An Dàmhair
Dh’fhàs uaine gorm
caor-aitinn abaich –
bàrr agus treud san iodhlainn.

An t-Samhain
Taobh Nis ann an lios
Bhruide mhic Mhaolchon
tha leamhain a’ caitheamh dhuilleag.

An Dùbhlachd
Tost a’ mhìos mhairbh –
tha rìghrean a’ caoidh bràthar
abaid a’ caoidh athar.

Foirlionadh
Chaidh taise naoimh
a ghiùlan ro fheachd –
is an là le oighre Charraig.

Category: Learner adults

'Calum Cille: Meòrachadh' by Donnchadh Sneddon

Tha e fìor gun robh fear ann, Calum Cille, a ruagadh o chionn 1,500 bliadhna – a-rèir aithris – agus a bha beò air an talamh. Ach anns na linntean às dèidh a bhàis, agus ma dh’fhaoidte fiù ’s ron a sin, tha iomadh Calum Cille air a bhith ann. Tha daoine – bàird, sgoilearan, seanchaidhean, manaich – air iomadh tionndadh an naoimh a dhealbhachadh. Faodaidh sinn a ràdh gun deach caractar a chruthachadh le iomadh làmh thairis air na linntean, caractar iomadh-fhillte. Tha gach neach a tha air a bhith an sàs san obair seo – Dallán Forgaill, Beccán mac Luigdeach, Naomh Adomnán, Dorbbene, Manus Ó Domhnaill, Alasdair MacGilleMhìcheil, Iain MacDhòmhnaill na Drochaide Àirde, Dòmhnall MacAonghais o Ghleann Dail bho Dheas, Nan Eachann Fhionnlaigh, agus iomadh duine eile air nach eil cuimhne againn an-diugh – air cuideam a chur air taobh sònraichte an naoimh. Bha Dallán a’ moladh a ghliocais, a sgil mar shearmonaiche, a chuid eòlais agus a stuaime. Chuir Adomnán cuideam air a naomhachd, air fàbhar Dhè dha, air an dòigh anns an robh e a’ treòrachadh a choimhearsnachd mar aba. Ann am beul-aithris agus ann an sgrìobhainnean o na Meadhan Aoisean chì sinn mar a bha e a’ dìonadh a’ chruidh, mar a bha e a’ dealbhadh cruth na tìre, mar a bha a’ naomhachadh àiteachan àraidh le a làthaireachd, le a ghnìomharan, ann a bhith a’ searmonachadh an t-Soisgeil no a’ foillseachadh mòrachd Dhè anns an àite sin no anns an àite seo.

Tha e teagmhach gu bheil na “Calluim Cillean” a tha daoine air chruthachadh thairis air na linntean glè choltach ris an duine fhèin, mar a bha e ann an eachdraidh. Gu ìre mhòr tha an duine sin cha mhòr caillte dhuinn, oir is glè bheag an t-eòlas a tha againn air a tha idir earbsach. Tha mi cinnteach gun chuireadh e iongnadh air nan robh fios aige gun robh daoine ag ràdh, linntean às dèidh a bhàis, gur esan a chuir beul cam air an leòbaig!

Ach fada ged a tha iad on duine eachdraidheil fhèin, tha luach nach beag dhuinn, agus leasanan cuideachd, anns na “caractaran” no “tionndaidhean” a chaidh an togail air dìleab an naoimh. As motha nam measg, nam bheachd-sa, tha Lagh Adomnáin (Cáin Adomnáin ann an Seann Ghàidhlig, Lex Innocentium ann an Laideann), agus mar a chleachd naoidheamh Aba Ì Chaluim Chille cliù a’ chiad Aba gus an lagh sin a chur an gnìomh. ’S e brìgh an lagha, a dh’fhoillsich Adomnán anns a’ bhliadhna 697, stad a chur air geur-leanmhainn nan neo-chiontach ann an àm cogaidh. Anns na làithean sin, mar a tha fhathast fìor an-diugh, b’ e an fheadhainn as fhainne a bha a’ fulang as miosa o fhòirneart ann an cogadh sam bith. Chunnaic Adomnán am fulangas seo, agus sgrìobh e lagh a chleachd cliù agus ughdarras ainm Chaluim Chille gus faochadh a thoirt do na truaghan a bha gun dìon. Nuair a sgrìobh e Vita Sancti Columbae (“Beatha Chaluim Chille”), chuir e ann sgeulachdan a chuir an cèill mar a bha an naomh – agus, mar sin, an eaglais aige – a’ dìonadh an fheadhainn aig nach robh dìon saoghalta: clann, boireannaich, bochdan, sagairt. Tha seo ri fhaicinn gu soilleir ann an sreath de sgeulachdan anns an dara leabhar ann an VSC. Ann an II: 20-22, thug e beannachadh agus crodh do chuid a bha fial leis am beagan a bh’ aca, agus thug e dìoghaltas agus sgrios air an fheadhainn a bha a’ dèanamh geur-leanmhainn orra agus a’ goid bhuapa. Ann an II: 23, tro chumhachd an naoimh, chaidh duine ann an Ìle air an robh Feradach mar ainm, a chur gu bàs, oir bhrath agus mharbh e fògarrach a thàinig thuige a’ sireadh fasgaidh. Ann an II: 25, chuir e bàs le dìoghaltas naomh fear a mharbh caileag neo-chiontach a dh’fheuch ri fasgadh a lorg san eaglais: chaidh an duine olc seo, murtair nan neo-chiontach (innocentium iugulator) a mharbhadh sa bhad, mar rabhadh uabhasach airson ghinealaichean ri teachd. Nas fhaide air adhart ann an II: 33, shaor e ban-tràill o dhraoidh nan Cruithneach, Broichan, a’ bagairt air le a chumhachdan naomha mura robh e ga leigeil ma sgaoil. Am measg nan sgeulachdan eile a leughas sinn ann an VSC – na seallaidhean a chunnaic an naomh, na h-euslaintich a shlànaich e, na mìorbhailean a rinn e – tha snàithle a’ cheartais a’ ruith tron leabhar, a’ sealltainn dhuinn taobh seo an naoimh: fear a chleachd na cumhachdan a bha aige airson maith nam bochd, airson na feadhna a bha gun dìon saoghalta. An fheadhainn aig nach robh sleagh no claidheamh, bha fear-dìon aca. Bha iad fo chomhraich Chaluim Chille.

Nuair a tha sinn a’ coimhead air Calum Cille an-diugh, ge b’ e an ciall a tha aige dhuinn ann an saoghal a tha cho eadar-dhealaichte on shaoghal anns an robh e fhèin beò, b’ fhiach e “tionndadh” seo an naoimh a chumail nar cuimhne agus nar cridhe, tionndadh a rinn Adomnán a’ cleachdadh cumhachd spioradail agus poileataigeach na h-eaglaise, cumhachd cuimhne dìleab an naoimh agus cumhachd sgeulachdan le freumhan ann an eachdraidh agus dualchais a chultair gus neart a thoirt dhan fheadhainn a bha feumach air. Nuair a tha sinn a’ coimhead mu thimcheall oirnn an-diugh, agus a’ faicinn daoine gun dachaighean air sràidean ar bailtean mòra, nuair a tha sinn a’ faicinn fògarraich a’ teich o chogaidhean agus geur-leanmhainn uabhasach ann an tìrean cèin, air an tilgeil air a’ chuain ann an eathraichean beaga, nuair a chì sinn ar riaghaltas a’ cur daoine air fògradh ann an dùthchannan far a bheil fòirneart agus tòireachadh gam feitheamh air sgàth an creideimh, no am feiseileachd, no am beachdan phoilitigich, nuair a tha clann-sgoile air an droch-làimhseachadh le clann eile air sgàth dath an craicinn, nuair a tha uachdaranan a’ teannachadh gach sgilean ruadh o dhaoine a tha air an sàrachadh le iomadh trioblaid gus prothaid a bharrachd a chosnadh dhaibh fhèin… smaoineachamaid air a’ Chalum Cille seo, Calum Cille a dhealbhaich Adomnán dhuinn, linn às dèidh bàs an naoimh. Ma dh’fhaoidte gu bheil leasan aige dhuinn an latha an-diugh, 1,500 bliadhna on a rugadh e.

Category: High school pupils

First Prize
Sorcha Thompson, S5, James Gillespie's High School

B’ e a’ bhliadhna 563 is bha Calum Cille (còmhla ri dà-dheug manaich) a’ siubhal thairis air a’ mhuir dhorcha, fheargach. Bha na tonnan a’ bualadh gun sgur agus bha uisge a’ dòirteadh às na speuran. Thòisich a’ ghrian a’ tuiteam sìos gu h-obann, mar gun robh cabhag air a’ gealaich an t-adhar fhaighinn dhi fhèin. Is ann à Èirinn a thàinig iad, agus, mu dheireadh thall, ruig iad Alba, far an do thòisich sgeulachd Chaluim Chille dha-rìribh.

Cha b’ fhada gus an d’ ràinig Calum Cille Eilean Ì far an do thog e fhèin agus na manaich aige a’ chiad mhanachainn ann an Alba. Leis a sin, cho simplidh ri solas a’ dol air, thòisich Crìostaidheachd, sa chiad dol a-mach air Ì, ach gu luath air feadh na h-Alba. Dh’fhàs a’ mhanachainn seo ainmeil, agus thàinig daoine bho tòrr diofar àitichean airson tadhal air. B’ fheudar do chuid aca siubhal mòran mhìltean, ach bha iad deiseil is deònach sin a dhèanamh gus a’ mhanachainn mìorbhaileach seo fhaicinn. Thàinig daoine bho gach ceàrnaidh de bheatha: òg agus sean, rìghrean agus luchd-tuatha, saighdearan agus tuathanaich, daoine aig an robh tuigse air Crìostaidheachd agus fiù ’s daoine aig nach robh creideamh. Cha b’ e dìreach dòrlach de dhaoine air an tug a’ mhanachainn aig Calum Cille buaidh, ach Alba agus an saoghal air fad.

Chanadh cuid a tha beò an-diugh gun robh beatha làitheil Chaluim Chille agus na manaich aige cianail neònach. Bhiodh iad ag èirigh tràth anns a’ mhadainn, tric ron ghrèin, airson pàirt a ghabhail ann an seirbhis eaglais, bhiodh iad a’ dol ùine fada gun biadh agus ’s dòcha gum biodh seirbhisean eaglais aca ann am meadhan na h-oidhche. A’ cumail seo nar cuimhne, nach robh iad dìreach iongantach? Cha robh beatha latha gu latha furasta aca idir idir, ach chùm iad orra, gun duais, a’ cuideachadh daoine ann a bhith smaoineachadh mu dheidhinn creideamh ann an dòigh eadar-dhealaichte.

A thuilleadh air a seo, thadhail Calum Cille air Loch Nis, far an robh na Cruithnich a’ fuireach. Mun àm seo, bha tòrr daoine air bàsachadh air sgàth uilebheist Loch Nis, mar sin cha robh daoine deònach a dhol a-steach dhan uisge air eagal ’s gun tachradh an aon rud riuthasan. Sheall Calum Cille dhaibh cho cumhachdach ’s a bha e le bhith a’ cur stad air an uilebheist nuair a bha e faisg air cuideigin eile a mharbhadh. Chunnaic na Cruithnich a’ chumhachd agus a’ mhisneachd a bha aige, is thug seo orra smaoineachadh mu dheidhinn ga leantainn anns a’ chreideamh Chrìostail.

Thàinig Calum Cille cuideachd do Chraig Phàdraig, far an do choinnich e ri rìgh nan Chruithneach. An tòiseach, cha robh cead aige tighinn a-steach airson bruidhinn ris an rìgh, ach cha b’ fheudar dha ach bualadh air an doras leis a’ bhata-coiseachd aige agus dh’fhosgail e sa bhad. Thathar ag ràdh gur e draoidheachd a bh’ ann (chan eil mise cho cinnteach) ach, nuair a dh’fhàg Calum Cille, bha e air dearbhadh don rìgh gum bu chòir dha creidsinn ann an Crìostaidheachd. A’ leantainn air adhart bhon a sin, dh’atharraich an dùthaich, agus, an dèidh beagan bhliadhnaichean, thòisich an Alba air a bheil sinn eòlach an-diugh a’ tighinn am follais an dèidh còmhradh Chaluim Chille le rìgh nan Chruithneach.

Aig a’ cheann thall, ’s e buaidh anabarach mhòr a thug Calum Cille air Alba mar a tha sinn eòlach air an dùthaich san latha an-diugh. Chuidich e ann a bhith a’ cruthachadh aon dùthaich a-mach às na daoine a bha aig an àm sgapte ann an diofar buidhnean. Nam bheachdsa, ’s urrainn dhuinn a ràdh gun teagamh sam bith gu bheil Alba mar a tha i an-dràsta air sgàth a’ mhanachainn a thòisich Calum Cille agus na manaich aige, ach a bharrachd air a sin, na rinn Calum Cille an dèidh a’ mhanachainn a thogail airson an dùthaich sgoinneil seo aonachadh.

Sin a’ bheatha a bh’ aige ann an Alba, ach de mu dheidhinn a’ phairt nach eil daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn? Am beatha a bh’ aige ann an Èirinn. Rugadh Saint Columba air an 7mh latha den Dùbhlachd 521AD ann an Gartan, Donagal ann an Èirinn. Thòisich e a bhith ag ionnsachadh bho aois òg, agus nuair a bha gu leòr fios aige, chaidh e gu sgoil a bh’ aig manach leis an ainm Movilla. Às dèidh an sgoil ghluais e gu Leinster agus seo nuair a dh’ionnasaich e gun robh diofar dhòighean ann airson a bhith a’ creidsinn ann an Criostaidheachd. Bha e air a theagaisg le duine leis an ainm Finnian agus dh’ionnsaich e Criostaidheachd bho shùilean a’ Chuimris. Chaidh e gu sgoil ‘Clonnard Abbey’ le 300 clann eile ach bha e air a thaghadh airson a bhith aon de na “12 Apostles Of Ireland”. Às dèidh sin thòisich e fhèin a bhith na mhanach agus mu dheireadh thall bha e na shagairt.

Chaidh bliadhnaichean seachad agus bha Columba a’ faighinn nas fhaisge agus nas fhaisge chun nan creideamhan aige ach sin nuair a bha a h-uile càil a’ dol ceàrr ann an Èirinn. Thòisich cogadh, “The Battle of Cul Dreimhne”. Bha daoine air am murt sa h-uile àite agus bha feum aig a h-uile duine an taobh aca a thaghadh. Bha aon prionnsa a’ fuireach còmhla ri Columba, “Prince Curnan of Connacht”, agus bha e an toiseach air a ghoirteachadh agus an uair sin air a mhurt. Seo nuair a bha fios aig Columba gum biodh feum aige fàgail, cha robh e a’ faireachdainn cho neo-chiontach ’s a bha e ag iarraidh agus bha e a’ smaointinn gum biodh e na chuideachadh a bhith a’ fàgail. Nuair a dh’fhàg e bha fios aige gum biodh feum aige rudeigin a’ dèanamh airson an fhaireachdainn de chiont a bh’ aige a thoirt air falbh, mar sin nuair a rainig e Alba, rinn e an aon rud a bha fios aige air. Teagasg an creideamh aige.

Bha am beannachadh aig Columba mar òr gu na rìghrean agus bha e mar shamhla de na cumhachdan aige. Airson seo bhiodh na Gàidheil a’ fàgail na manachainn mar a bha e agus a’ geàrdadh na manachainn bho dhaoine a bha ag iarraidh ga cur gu sgrios.

Tha stòiridh a tha daoine ag innse mu Cholumba – ann an 565 AD chaidh Columbus gu Loch Nis agus chaidh aon de na daoine aige a shnàmh anns an loch. Anns an stòiridh tha Nessie a’ snàmh suas agus tha i air  tòrr daoine ithe anns na làithean ron an seo. Tha Columba an uair sin a’ cleachdadh “na cumhachd aig Dia” agus a’ cuideachadh an duine aige a shnàmh air ais gu talamh.

Tha daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn seo tòrr air sgath ’s gun robh e a’ sàbhaladh an duine aige bhon uilebheist agus airson seo chaidh St Columba sìos anns na leabhraichean agus ann an eachdraidh. Bhàsaich Columba ann an 597 aig aois 76. ’S e duine Catholic a bh’ ann an Columba. ’S e Columba aon de na patron saints de dh’Èirinn (tha Patrick agus Brigid of Kildare ann cuideachd). Tha tòrr sgoiltean agus àitichean air an aineamachadh às dèidh Cholumba, mar Bhun-sgoil St Columba. Aon rud neònach a rinn iad ’s e gun do dh’ainmich iad pleana às a dhèidh cuideachd.

Cuideachd, sgrìobh Columba bàrdachd, ach tha dìreach dà phìos bàrdachd anns an t-saoghal a chaidh a sgrìobhadh leis. ’S e dìreach hobby aige a bh’ ann.

Runners up
Calum Macleòid, S1, Sir Edward Scott School

Colm Cille (St Columba)

Bha Colmcille (St. Columba) bho Èirinn. Bha e air a bhreith ann an Gartan, ann an Èirinn. Ach dh’fhàg e Èirinn, chan ann mar mhiseanaraidh ach mar ghnìomh peanas fèin-cheannsaichte. Bha e air dragh a chur air rìgh na h-Èirinn, le bhith a’ diùltadh leth-bhreac de na Soisgeulan a rinn e a thoirt seachad gu mì-laghail. Bha e a’ tighinn suas air tìr ann an Iona, agus tha e ainmeil airson bha esan a’ togail Iona abbey. Nuair a bha e a’ bàsachadh bha e 76, agus airson na thuaireanan sin, bha sin aosta airson basachadh. Tha e adhlaicte ann an Iona.

Tha Eilean Ì na h-eilean naomh agus chaidh a ràdh gur e seo àite breith Crìosdaidheachd ann an Alba. Thàinig St Columba agus 12 eile an seo à Èirinn ann an 563 AD. Chuir e miseanaraidhean gu ceann a tuath Bhreatainn gus daoine a thionndadh gu Crìosdaidheachd. Tha cliù Chaluim Chille air daoine a thoirt gu Eilean Ì bhon 7mh linn.

Ainm Laideann fadalach a’ ciallachadh “calman”… B’ e seo ainm grunn naomh tràth, an dà chuid fireann agus boireann, gu sònraichte am manach Èireannach bhon 6mh linn Saint Columba (no Colum) a stèidhich manachainn air eilean Ì far oirthir na h-Alba. Tha creideas aige airson tionndadh na h-Alba gu Crìosdaidheachd.

Ach a dh’aindeoin sin, cha robh Colmcille na aingeal. Bha a phearsantachd làidir agus a shearmonachadh làidir a’ milleadh aitichean agus ann an 563 AD chaidh a chur às a leth gun do thòisich e cogadh eadar dà threubh Èireannach.

Às deidh bàs a’ Phrionnsa Curnan à Connacht – a bha Colmcille an dùil a dhìon – bha grunn chlèirich agus sgoilearan a’ bagairt a chur às a dhreuchd.

An àite sin, chaidh Colmcille a dhìteadh leis an àrd rìgh gun a bhith a’ faicinn Èirinn a-rithist, agus chaidh a chur air fògradh a dh’Alba le 12 companach. Shuidhich e air eilean gruamach Albannach ris an canar Iona far an cuireadh e seachad a’ mhòr-chuid de na bliadhnaichean a bha air fhàgail.

Nuair a thug co-ogha prionnsa beagan fearainn dha ann an Doire, chuir e roimhe a mhanachainn fhèin a thòiseachadh. Leig seo leis siubhal air feadh Èirinn a Tuath a’ teagasg nam pàganach mu Chrìosdaidheachd. Stèidhich Colmcille timcheall air 30 manachainnean ann an dìreach 10 bliadhna, a’ brosnachadh mòran dhaoine le a naomhachd pearsanta.

Ann an 575 chaidh ìmpidh a chur air Colmcille tadhal air Èirinn gus connspaid a rèiteachadh eadar an àrd rìgh agus lìog nam bàrd. A’ cumail a-mach gun robh e dìleas do chumhachan na fògarrachd aige, nach fhaiceadh e Èirinn a-rithist, shiubhail e le sùilean dall.

Bha spèis mhòr aig a h-uile duine ann an Èirinn dha. Bhruidhinn e ris na h-uaislean agus na clèirich a bha air an cruinneachadh le uiread de dh’ùghdarras agus gun deach ìmpidh a chur air an rìgh nàimhdean a shocrachadh.

Chuir Colmcille seachad an còrr de a bheatha air Eilean Ì ag ùrnaigh, a’ dèanamh cabhag, agus a’ teagasg dha na manaich aige na Sgriobtairean a leughadh agus a chopaigeadh.

Ruaraidh Cameron, S4, James Gillespie's High School

Calum Cille

Fear de na naoimh as ainmeil ann an Alba agus Èirinn. Thàinig e a-null bho Èirinn gu Alba leis na dhusan companach aige. Thog iad uile an comharra-tìre eachdraidheil Abaid Iona a tha fhathast a’ seasamh làidir. Air feadh a thurais, dh‘fhàg e buaidh mhòr air mòran bhon an obair mhiseanaraidh aige agus rudan eile. Cuideachd, stèidhich e mòran thogalaichean mar na manachainnean agus ghabh e pàirt ann an iomadh sgeulachd inntinneach. Tha e air a creideasach an-diugh leis mar a sgaoil e Crìosdaidheachd.

Ràinig Calum Cille Alba le a dhusan duine air tràigh ann an Eilean Ì. Tha seo faisg air far an do thog e fhèin agus a chompanaich làrach naomh agus eachdraidheil – Abaid Iona. Tha mòran bho dhiofar mhòr-thìrean an t-saoghail a’ tadhal air an àite fhathast an-diugh. Ri taobh seo tha àite eachdraidheil eile – Crois Naoimh Eòin, aon de na ciad chroisean Ceilteach a chaidh a thogail a-riamh. Cuideachd, chaidh aon de na leabhraichean as sònraichte a sgrìobhadh agus a chrìochnachadh ann an Eilean Ì. Sgrìobh Calum Cille agus a mhanaich Leabhar Cheanannais. Ach chaidh an leabhar seo a thoirt a dh’Èirinn.

Chaidh Calum Cille air adhart le bhith a’ leantainn a dhìleab le bhith a’ sgaoileadh a’ chreideimh Chrìosdail. Shiubhail e gu àite cunnartach aig an àm, Loch Nis, ann an rìoghachd nan Cruithneach. Seo nuair a rugadh an sgeulachd mìorbhaileach eadar Calum Cille agus Uilebheist Loch Nis. Bha fios aig Calum Cille mu na cunnartan a bha a’ tighinn leis a’  chreutair agus gum biodh e a’ nochdadh a-rithist nuair a dh’òrdachadh e an companach aige a snàmh san loch. Ach, bha fios aig Calum Cille dè bha e a’ dèanamh agus dh’òrdaich e don uilebheist a chompanach fhàgail leis fhèin agus gum falbhadh e cuideachd no bhàsaicheadh e. Ghabh an uilebheist ri na faclan aig Calum Cille agus theich e air an spot.

Chùm Calum Cille air a thuras gus aghaidh a thoirt air Rìgh Brude (Rìgh nan Cruithneach). Chùm Calum Cille a’ feitheamh gus an deach a leigeil a-steach mu dheireadh gus bruidhinn ris an Rìgh Brude. Bhon teagmhail seo bha an Rìgh a’ faireachdainn gun robh rudeigin eadar-dhealaichte mu Chalum Chille, rudeigin sònraichte agus dh’iompaicheadh e.

Chun an latha an-diugh, tha seo a’ sealltainn cho mòr ’s a tha buaidh air a bhith aig Calum Cille air Alba is Èirinn agus air an t-saoghal. Tha mòran àiteachan ann an Alba air an ainmeachadh às a dhèidh, agus tha mòran de na rudan a dh’fhàg e às a dhèidh a’ tàladh mòran luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail. Dh’fhàg Calum Cille sgeulachdan inntinneach agus chuidich e sgaoileadh na Crìosdaidheachd gu mòr.

Category: Primary school pupils

First Prize
Kate Murray, P6, Point Primary School

Calum Cille

“Gabh mo leisgeul ach càite a bheil mi an seo?”

“Tha sibh ann an Steòrnabhagh ann an Eilean Leòdhais.”

“Dè a’ bhliadhna a th’ann?”

“2021.”

“Hmm, dh’fhalbh mise à Eilean Ì anns an 6mh linn air bàta-aiseig CalMan. Bha fios agam gu robh na h-aiseagan aca slaodach ach cha robh fios agam gu robh iad buileach cho dona ri sin. ’S chan e sin a-mhàin ach ’s ann a dh’Èirinn a bha mi ag iarraidh a dhol. An t-àite ceàrr agus an t-àm ceàrr. Chan eil mi a’ dèanamh glè mhath.”

“Chan e do choire-sa a th’ ann. Tha mi air a bhith a’ leugadh anns na naidheachdan gu bheil tòrr trioblaidean air a bhith aig CalMan an-dràsta agus gu bheil feadhainn de na bàtaichean aca a’ ruith air slighean eadar-dhealaichte bhon an àbhaist. Chunnaic mi trì de na bàtaichean aca an seo an-dè.”

“Uill, tha mi smaoineachadh gur e sin a thachair dhòmhsa. Feumaidh mi m’ ite agus craiceann fhaighinn agus litir a sgriobhadh thuca a’ gearan mu dheidhinn na seirbheis aca! Càite am faigh mi calman gus an cuir mi thuca i?”

“Oh tha fios agamsa. Feuchaidh sinn Am Braighe. Tha tòrr dhiofar sheòrsachan de fhiadh-bheatha ann an sin. Trobhadhaibh còmhla rium. Gheibh sinn am bus sìos.”

“Nach e an t-àite seo a tha brèagha, sìtheil. Abair àite snog airson eaglais. An e seo Am Braighe?”

“’S e – Braighe na h-Aoidhe.”

“Mar a thuirt thu tha tòrr eòin an seo. Cheannaich mi rola nuair a bha mi air bòrd ach bha e ro chruaidh – cha do dh’ith mi e. Tha e fhathast nam phocaid. Glacaidh mi calman mar sin. Siud thu – fhuair mi tè.”

“Oh nach mi tha mi-mhodhail. Cha do dh’fhaighnich mi fiù ’s dè an t-ainm a th’ oirbh? ’S mise Ceit.”

“Uill, is mise Calum Cille.”

“WAW, Calum Cille. Nach mi a tha fortanach. Tha agamsa ri sgeulachd a sgrìobhadh mu ur deidhinn airson na sgoile. Nach innse sibh dhomh beagan mu ur deidhinn fhèin? Cha d’ fhuair mi cothrom do Ghoogalagadh fhathast.”

“Nì mi sin gu cinnteach ach dè fon ghrian a th’ ann an Googalagadh?? Tha mi ’n dòchas nach eil e goirt!”

“Och, innsidh mi dhut aig àm eile. Seadh, lean sibh oirbh.”

“Glè mhath. Uill, rugadh agus thogadh mi ann an Gartan ann an Dùn na Gall anns a’ bhliadhna 521…

… … … …

… ’S mar sin, a Cheit, ’s e sin sgeulachd mo bheatha. Tha mi ’n dòchas gu robh sin feumail dhut airson am pìos a sgriobhadh ach tha an t-àm ann dhòmhsa a dhol air ais a-nis. Gu h-àraid ma tha e a’ dol a thoirt cho fada air an turas seo a-rithist!!”

“Oh, mòran taing airson sin, tha fios agam a-nis dè tha mi dol a sgrìobhadh a-màireach…”

***
“Ceit, Ceit – dùisg! Cò mu dheidhinn a tha thu a’ bruadar? Tha obair-sgoile agad ri dhèanamh – cuimhnich. Tha am pìos sin agad ri sgriobhadh an-diugh airson na co-fharpais agus chan eil fios agad air càil mu dheidhinn Chalum Chille, a bheil…?”

Runners up
Mairi Macaulay, P6, Point Primary School

An Sionnach a Chaidh na Chalman agus a Ghoid an Laogh bhon a’ Bhò

Rugadh Colum Cille ann an Gartan ann an Conntaidh Dùn nan Gall. ’S e an t-ainm ceart a bh’ air Crimhthann, a’ ciallachadh “sionnach”. Ach, thòisich daoine a’ toirt an ainm “Colum Cille” air, a’ ciallachadh “Calman na h-Eaglaise”. ’S e Niall Naoidh Ghiallach an sean-sean-seanair a bh’ aige. Bha teaghlach eile a’ coimhead às a dhèidh oir bha sin àbhaisteach anns na làithean sin.

Chaidh Colum Cille chun na h-Eaglaise gu math tric. Chaidh e gu tòrr diofar sgoiltean, agus ’s e duine gu math foghlamaichte a bh’ ann. Chopaig e leabhar aig Naomh Finian le sailm ann gun fhiosta dha, oir bha fios aig Colmcille nach robh e gu bhith dol a dh’fhaighinn cead air a shon.

Chunnaic Naomh Finian an copaidh, agus cha do leig Naomh Finian dha an copaidh a chumail. Bha Àrd-Rìgh Èirinn air faighneachd airson fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh. Cha do leig an t-Àrd-Rìgh Colum Cille an copaidh a chumail a bharrachd. Thuirt e, “Leis gach bò a laogh fhèin, agus leis gach leabhar a leth-bhreac”.

Bha Colum Cille gu math fiadhaich le seo, agus thòisich e cogadh an aghaidh an Àrd-Rìgh. Bhàsaich barrachd air 3000 saighdearan, agus thàinig an cogadh gu crìoch.

An uairsin, chaidh Colum Cille air bàta gu Eilean Ì airson an soisgeul a sgaoileadh…

Ach, dè thachair às dèidh sin?

Aon latha, bha Colum Cille air a shlighe a dh’Inbhir Nis, agus dh’fheumadh e faighinn seachad air Abhainn Nis. Chunnaic e daoine a’ tiodhlacadh cudeigin bochd. Thuirt iad gum faca iad uilebheist san abhainn ga mharbhadh. Bha dhà neo thrì dhaoine a-mach air bàta airson an duine a shàbhaladh ach bha iad ro fhadalach.

Chuir e cudeigin a-steach dhan a’ bhùrn airson an t-uilebheist a thàladh. Shnàmh an t-uilibheist gu uachdar an uisge, dh’fhosgail i a beul agus leig i sgreuch aiste.

Bha na daoine ri taobh na h-aibhne a’ crith leis an eagal. Rinn Colum Cille soidhne na crois leis na làmhan aige anns an adhar. Thuirt e, “Stad far a bheil thu. Na tig faisg air na daoine! Falbh air ais far an tàinig thu!” Shnàmh an t-uilebheist cho luath ’s a b’ urrainn dhi, agus bha iongnadh mòr air na daoine. Bha iad a-nis sabhailte!

Daisy Mackenzie, P7, Point Primary School

Calum-Cille

Chaidh Calum-Cille a’ siubhal a dh’fhaicinn Rìgh Bridei anns a’ chaisteal aige a’ coimhead thairis air an rìoghachd aige faisg air Muir of Ord gus innse dha mu Chrìostaidheachd. Bha an rìgh amharasach agus bha e a’ toirt dùbhlan dha a bhith a’ farpais ris an draoidh phàganach aige fhèin, Brìochan.

Bha an Rìgh air cluinntinn gu robh Calum-Cille a’ tighinn agus dh’òrdaich e dha na fir aige a chumail a-mach à fearann ​​a’ chaisteil, agus mar sin ghlais na fir na geataichean.

Dh’ainmich Calum-Cille faclan draoidheil, an uair sin bha coltas gu robh na geataichean a’ fosgladh dha, agus cha b’ urrainn dha na manaich a chreidsinn.

Fhuair Calum-Cille a-steach don rìoghachd agus bhruidhinn e ris an rìgh. Bha an rìgh den bheachd gu robh Calum-Cille air cluinntinn mun draoidheachd aige agus bha an t-eagal air.  Cha robh ach cumhachd Dhè aig Calum-Cille agus thuirt e ris an rìgh nach robh dad ann airson eagal a bhith air.

Bha an rìgh ag iarraidh farpais dhraoidheachd eadar Brìochan agus Calum-Cille. Cha b’ e seo an seòrsa draoidheachd a bha Calum-Cille ag iarraidh. Bha e den bheachd gum b’ urrainn dha na tràillean a shaoradh bhon chaisteal neo tachradh rudeigin dona.

Dh’fhàg Calum-Cille an caisteal. Bha faochadh air an rìgh. Ach, chaidh Calum-Cille chun na h-aibhne agus thog e clach, thuirt e gu robh i beannaichte le Dia agus gum faodadh e daoine tinn a shlànachadh leatha.

Bha aige ri leasan a thoirt dhan rìgh. Aig a’ chaisteal chaidh an draoidh a bhualadh le sradag de lùth bho aingeal, gu h-obann, cha b’ urrainn dha anail a ghabhail, bha amhach a’ faireachdainn teann, bha am feachd cho làidir bha aodann gorm.

Nuair a chunnaic an rìgh na bha a’ tachairt chuir e a theachdairean a lorg Calum-Cille gus cuideachadh. Rinn iad cabhag. Bha fios aige dè bha iad ag iarraidh. Thug e a’ chlach bheannaichte dha dithis mhanach agus dh’iarr e air na teachdairean a leantainn agus innse don rìgh an tràill a leigeil ma sgaoil, an uairsin a’ chlach a bhogadh ann an uisge nan draoidhean agus bhiodh e gu math a-rithist, neo gun toireadh air bàsachadh.

Leig an rìgh na tràillean a-mach, chuir na manaich a’ chlach ann an deoch an draoidh, agus anns a’ bhad, bha e a’ faireachdainn nas fheàrr.

Às dèidh seo bha an rìgh den bheachd gu robh Calum-Cille iongantach! Cha robh an draoidh ge-tà. Bha Calum-Cille a’ falbh dhachaigh anns a’ bhàta aca, ach thug Brìochan rabhadh gun robh e a’ dol a thogail stoirm dhraoidheil gus stad a chur orra.

Bha fios aig Calum-Cille gum biodh Dia a’ coimhead thairis orra agus sheòl iad.

Co-dhiù, dh’atharraich a’ ghaoth agus thàinig iad air cùl bàta agus chuidich iad a’ seòladh air falbh. Chaidh Briochan às a’ chiall.

Cha b’ fhada gus an do ràinig cliù Chaluim-Chille na rìghrean gu lèir agus fhuair e cuireadh bhuapa gus daoine a shlànachadh agus mìorbhailean obrachadh.

Gordon Mair, P4, Meadowburn Primary School

Calum Cille agus Niseag 

Bha e na latha brèagha agus bha mise agus mo charaid ag iasgach ri taobh Loch Nis. Bha sinn air a bhith a’ suidhe an sin airson leth-uair a thìde. Chunnaic mi rudeigin a’ tighinn a-mach às an loch agus thug e ionnsaigh air a’ charaid agam. Bha an t-eagal orm airson bha tòrr ionnsaighean anns an àite.

Bha buille mhòr air a’ chridhe agamsa, leum mi suas gu na casan agam agus thug mi grèim air cas mo charaid agus shlaod mi air. An uair sin leig an uilebheist às e ach cha robh mo charaid beò.

Bha mi an sin a’ tòrradh mo charaid san uaigh. Bha mi nam shruth fallais fo ghath-grèine, an uair sin choimhead mi air an loch, bho àth na sùla agam chunnaic mi duine glic, Calum Cille.

Bha Calum Cille aig Loch Nis leis na daoine aige a’ dol tarsainn air agus chunnaic e am bàta beag agamsa aig taobh eile. Thuirt Calum Cille gu duine airson snàmh agus faighinn am bàta air ais. Gu h-obann chunnaic a h-uile duine Niseag a’ toirt ionnsaigh air an duine anns an Loch.

Bha mi ag iarraidh a’ bruidhinn ris mu dheidhinn agus an urrainn e ar cuideachadh leis Niseag. Thuirt mi “Bha mise agus mo charaid a’ suidhe ri taobh an Loch nuair a thainig Niseag a-mach às an uisge agus thug e i ionnsaigh airesan.”

An uair sin chunnaic sinn Niseag anns an loch. Thuirt Calum Cille “Stad! Agus dol air falbh an-dràsta, A-NIS!”

Bhon latha sin, cha tàinig Niseag suas faisg gu uachdar an uisge. Agus sin an t-adhbhar nach do chunnaic duine Niseag bhon là sin.