Cathraiche Ùr aig Comhairle nan Leabhraichean
Air fhoillseachadh: 5 Samhain 2021 ann an Naidheachdan
Tha Iseabail Mhoireach gu bhith na Cathraiche ùr aig Comhairle nan Leabhraichean. Tha Iseabail aithnichte mar thidsear agus mar neach-ealain lèirsinneach, agus bha i na Cathraiche aig a’ bhuidhinn Ceòl is Craic eadar 2012 agus 2016, agus gu mòr an sàs ann an stèidheachadh na buidhne nuair a thòisich e, a’ toirt luchd-ciùil, luchd-ealain, chleasaichean agus sgrìobhadairean còmhla airson tachartasan aig an CCA ann an Glaschu.
A’ cur fàilte air Iseabail, thuirt Catrìona Mhoireach, a bhios a’ fàgail na cathrach às dèidh ceithir bliadhna san dreuchd:
“Tha e air a bhith na mhòr-thlachd agus na urram a bhith nam Chathraiche air Comhairle nan Leabhraichean. Chan eil na ceithir bliadhna san dreuchd air a bhith gun dùbhlain, gu h-àraidh, droch bhuaidh Covid-19 air gnìomhachas an fhoillseachaidh, ach tha Comhairle nan Leabhraichean a’ tighinn gu deireadh 2021 na charthannas seasmhach le sgioba chruthachail is le bòrd-stiùiridh stèidheil. Bu mhath leam taing nach gann a thoirt don luchd-obrach dìcheallach is tàlantach fo stiùir Alison Lang, agus roimpe, Rosemary Ward, agus cuideachd do bhuill a’ bhùird airson an cuid dìlseachd is taice thairis air na ceithir bliadhna. Tha mi air leth toilichte gu bheil Iseabail, a tha na sàr thosgaire airson na Gàidhlig, a-nise a’ gabhail os làimh dreuchd a’ Chathraiche. Tha fios agam gun tèid i ris le dealas agus le misneachd. Buaidh is piseach le Iseabail agus le Comhairle nan Leabhraichean.”
Thuirt Alison Lang, Stiùiriche na buidhne:
“Às leth sgioba agus bòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean, bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Chatrìona Mhoireach airson a sàr obrach mar Chathraiche bho 2017, agus gu h-àraid airson ar stiùireadh tro na duilgheadasan a chuir Covid nar rathad. Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air Iseabail agus sinn an dùil gun soirbhich na sgrìobhadairean is na foillsichearan dham bi sinn a’ toirt taic sna bliadhnaichean a tha romhainn.”
Tha Iseabail a’ tighinn don dreuchd aig àm cudromach airson na Gàidhlig agus airson a’ ghnìomhachais fhoillseachaidh. Tha cùisean air a bhith duilich airson cuid a chompanaidhean foillseachaidh ri linn Chovid, ach tha reic air-loidhne air Comhairle nan Leabhraichean a chumail a’ dol, agus tha am buidheann air cleachdaidhean ùra a thoirt a-steach, leithid seiseanan leughaidh air-loidhne do chloinn òga, a tha air a bhith gu math soirbheachail. A’ coimhead ris an àm ri teachd, tha adhbharan a bhith dòchasach mu dheidhinn litreachas na Gàidhlig leis an ùidh a th’ aig mòran dhaoine ann an leughadh agus ionnsachadh a’ chànain.
Thuirt Iseabail:
“San obair agam mar neach-teagaisg luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ’s e aon de na rudan as mòtha a tha a’ toirt toileachas dhomh a bhith a’ faicinn nan oileanach agam a’ dèanamh adhartas ann an sgrìobhadh na Gàidhlig. Tha seo gu sònraichte a’ toirt misneachd dhomh nuair a tha oileanaich ann aig a bheil ùidh mhòr ann an sgrìobhadh cruthachail agus an tàlant airson seo a thoirt gu buil aig ìre a tha a’ dearbhadh gu bheil iad comasach air pàirt a ghabhail ann an saoghal litreachas na Gàidhlig agus tlachd a ghabhail ann am beartas na cànain. Mar neach-ealain a tha a’ cleachdadh ìomhaighean airson conaltradh, tha farmad agam ri na sgrìobhadairean Gàidhlig sgileil a tha againn as urrainn na beachdan is smuaintean aca a chur an cèill ann an dòigh a tha a’ toirt buaidh làidir air an luchd-leughaidh agus tha mi a’ gabhail fiughar ri bhith an sàs anns an obair a tha aig Còmhairle na Leabhraichean airson taic a thoirt dhaibh.”