Call for submissions from Luath Press (Gaelic only)
Posted on 1 February 2023 in Latest News
Tha Luath Press air a bhith a’ foillseachadh ficsean Gàidhlig fon ainm FICSEAN LUATH airson cha mhòr còig bliadhna a-nis. Tha an sreath ùr seo a’ dol bho neart gu neart.
Tha Luath toilichte cuireadh a thoirt do sgrìobhadairean ficsein ann an Gàidhlig na h-Alba: nobhailean, neo molaidhean air nobhailean, a chur a-steach airson foillseachadh ann an 2024 air adhart. Bithear a’ beachdachadh air cruinneachaidhean de sgeulachdan goirid Gàidhlig cuideachd. Ma tha thu nad ùghdar le nobhail Gàidhlig do dh’inbhich (30,000 facal de dh’fhaid aig a’ char as giorra agus 100,000 facal aig a’ char as fhaide), bhitheamaid toilichte cluinntinn bhuat!
Thathar ag amas air co-dhiù 2 nobhail Ghàidhlig fhoillseachadh a h-uile bliadhna.
Cuideachd, mura h-eil an nobhail/cruinneachadh sgeulachdan Gàidhlig agad deiseil fhathast, bhitheamaid airson cluinntinn bhuat cuideachd. Cuir a-steach na th’ agad!
Thèid gach tagradh a chumail dìomhair. Bi mothachail: chan urrainn dhuinn gealltanas a thoirt dhut gun tèid d’ obair fhoillseachadh, agus tha am prògram foillseachaidh againn airson nobhailean Gàidhlig cuingealaichte gu 2-3 nobhail gach bliadhna. Mura tèid gabhail ri do thagradh, gu mì-fhortanach, chan urrainn dhuinn a dhol an sàs ann an deasbaireachd.
Ceann-latha: Diciadain 31 am Màrt 2023.
Cuir fios gu Joan Nicdhòmhnaill, Àrd Neach-deasachaidh Ficsean Luath:
[email protected] ro 31/03/23
NEO gu Oifis Luath Press (faighnich airson Gavin MacDougall – Beurla a mhàin): 0131 225 4326
Airson barrachd fiosrachaidh mu Ficsean Luath, rach gu www.luath.co.uk/gaidhlig