Air fhoillseachadh Leave a comment

Na Duaisean Litreachais 2023 – Fosgailte do thagraidhean

The Gaelic Literature Awards 2023 logo

Tha Na Duaisean Litreachais 2023 a-nis fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean luach £1,000 dhan ùghdar is £500 dhan fhoillsichear rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2022 agus 30 Giblean 2023 anns gach roinn a leanas:

    • Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba
    • Ficsean – Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn
    • Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
    • Clann/òigridhBàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba

A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, tha cothrom aig sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach dhan fharpais, le duaisean luach eadar £500-£1,000 ri fhaotainn. A thuilleadh air an duais, bidh cothrom aig ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair.

Is e 30 Giblean 2023 an ceann-latha airson thagraidhean. Gheibhear fios mu ciamar a chuirear a-steach agus riaghailtean na farpaise an seo. Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh aig cuirm ann an Cottiers Theatre, Glaschu air 14 Sultain 2023.

 

Air fhoillseachadh Leave a comment

Na Duaisean Litreachais 2022 – Dealbhan

Chaidh Na Duaisean Litreachais 2022 a chumail ann an Cottiers Theatre air 15 Sultain 2022. Tha liosta slàn dhen luchd-buannachaidh ri fhaotainn an seo.

Seo beagan dhealbhan bho chuirm na bliadhna sa. Tha na dealbhan gu lèir rim faicinn an seo.
Na dealbhan gu lèir © Julie Broadfoot www.juliebee.co.uk.

Room with band on stage
Na Duaisean Litreachais 2022 aig Cottiers
Joy Dunlop at mic
Joy Dunlop, bean an taighe

 

 

 

 

 

Coinneach MacLeòid, Seòras and Donald Meek
Coinneach MacLeòid agus Dòmhnall Meek, le Seòras
Sylvia Hehir
Sylvia Hehir

 

 

 

 

 

 

June C. Graham
June C. Ghreumach
Robbie MacLeod
Robbie MacLeòid

 

 

 

 

 

 

NDL22 Award winners
Na Duaisean Litreachais 2022 – luchd-buannachaidh
Angus Peter Campbell
Aonghas Pàdraig Caimbeul

 

 

Air fhoillseachadh Leave a comment

Na Duaisean Litreachais 2022 – Fosgailte do thagraidhean

Tha Na Duaisean Litreachais 2022 fosgailte airson thagraidhean bho sgrìobhadairean agus foillsichearan Gàidhlig. Bidh duaisean rim faighinn airson leabhraichean a chaidh fhoillseachadh eadar 1 Cèitean 2021 agus 30 Giblean 2022 ann an diofar gnèithean litreachais:

• Bàrdachd – Duais Ruaraidh MhicThòmais, le taic bho Leabharlann Bàrdachd na h-Alba
• Ficsean – Duais Chomann Ghàidhealach Lunnainn
• Neo-fhicsean – Duais Dhòmhnaill Meek
• Clann/òigridh

A bharrachd air leabhraichean a tha ann an clò mar-thà, faodaidh sgrìobhadairean làmh-sgrìobhainnean neo-fhoillsichte do chloinn is do dh’inbhich a chur a-steach dhan fharpais. A thuilleadh air an duais, bidh cothrom aig ùghdar na làmh-sgrìobhainn as fheàrr do chloinn an leabhar aca a leasachadh ann an co-bhann leis an fhoillsichear Acair.

Is e 30 Giblean 2022 an ceann-latha airson thagraidhean. Gheibhear fios mu ciamar a chuirear a-steach agus riaghailtean na farpaise an seo. Thèid an luchd-buannachaidh ainmeachadh air 15 Sultain 2022.

 

 

Air fhoillseachadh Leave a comment

Sgeulachd Ghoirid airson Latha Naomh Bhaileintin – Fèineag Bhaileintin

Fèineag Bhaileintin – sgeulachd ghoirid ùr airson Latha Naomh Bhaileintin le Sylvia Hehir, eadar-theangaichte le Beathag Mhoireasdan!

Tha Sandi ann an trioblaid. An dèan Iain cobhair oirre …ro mheadhan-oidhche?!

Luchdaich a-nuas lethbhreac an-asgaidh an seo: Fèineag Bhaileintin – PDF

Leugh tuilleadh mu dheidhinn Iain, Sandi agus na caraidean aca san nobhail, Dubh às.