Ar Guthan
Air fhoillseachadh: 17 Gearran 2022 ann an Naidheachdan
Uaireannan, is iad na ciad cheumannan sin ann an sgrìobhadh proifeiseanta as duilghe – a’ cruthachadh làmh-sgrìobhainn agus a’ dèanamh ceangal ris a’ ghnìomhachas.
Ciamar a chuireas tu structar air do chiad leabhar? Dè na ceumannan a ghabhas tu gus a dheasachadh agus a leasachadh airson fhoillseachadh san àm ri teachd? Am bi luchd-leughaidh ann don obair seo, agus cò iad na foillsichearan a bheir cuideachadh dhut leis an luchd-leughaidh sin a ruighinn?
Tha sgeama Ar Guthan ag amas air sgrìobhadairean Gàidhlig neo-fhoillsichte a chuideachadh: sgrìobhadairean aig a bheil sgrìobhadh a tha gu bhith deiseil ach nach eil fhathast air fhoillseachadh. Ged a tha e fosgailte do na h-uile a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig, agus ag aithneachadh iomallachadh litreachas na Gàidhlig ann an Alba, tha sinn dealasach a thaobh tagraidhean a bhrosnachadh bho ghuthan fo-riochdaichte taobh a‑staigh coimhearsnachd na Gàidhlig – iadsan as dòcha aig nach eil cothrom air an t-seòrsa taic phroifeiseanta seo.
Tha sinn gu h-àraid a’ cur fàilte air tagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig neo‑fhoillsichte a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan nan eilean, neo ann an àite air an dùthaich nach eil faisg air baile mòr. Cuideachd, feadhainn a tha stèidhichte ann an Alba agus a tha ciorramach, LGBTQ+ (Leasbach, Gèidh, Dà-sheòrsach, Tar-ghnèitheach, Cuèir +), le eòlas san t-siostam cùraim, muinntir a tha gam meas fhèin mar Dhubh, Àisianach, neo Mion-Chinnidheach, agus/neo à dachaigh air teachd-a-steach ìosal.
Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine aig a bheil dìth-mhisneachd ceangailte ri sgrìobhadh ann an Gàidhlig (a thaobh cainnt, litreachadh neo adhbharan eile). Thathar ag iarraidh air na tagraichean sin fios a chur gu Comhairle nan Leabhraichean gus cruth eile den tagradh, agus/no sampall sgrìobhaidh, obrachadh a‑mach, ma dh’fheumas iad.
Bruth an seo airson barrachd fiosrachaidh agus stiuireadh air cur a-steach tagradh.
Ceann-latha dùnaidh: 14 April 2022